Lochlannaich
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Air ais gu àm Mhanus nan Casan Rùisgte

1 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha sinn a' dol air ais greis an seo - chun a' bhliadhna 1093 - gu àm nuair a thug Rìgh na h-Alba cead do Rìgh nan Lochlannach gach sgìre dhan dùthaich a ghabhail os làimh, nam faigheadh e a bhìrlinn timicheall air.

Ach cha robh seo gu leòr do Mhanus nan Casan Rùisgte, mar a bh' ac' air - bha esan airson grèim fhaighinn air fearran torrach Chinn Tìre cuideachd. Mar sin, shlaod e bàta eadar Loch an Tairbeirt an Iar agus Loch an Tairbeirt an Ear.

Airson a' chiad turas on uair sin, chaidh an dearbh rud a dhèanamh air an deireadh sheachdain seo chaidh, mar a tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.