Soidhne rathaid
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rathad na Ciste

1 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh pìos de dhualchas Gàidhealach Bhàideanach a chomharrachadh Diluain.

Aig deireadh na 19mh linn, b' fheudar do mhuinntir an àite a dhol gu Cùirt airson cead na mairbh aca a ghiùlain dhan chladh.

Bha tuathanach air bàthach a thogail tarsainn an aon rathad a bha a' dol chun àite tiodhlaicidh.

Thug Cùirt an t-Seisein air rathad ùr a dhèanamh agus chuir iad soidhne Gàidhlig an-àirde, a' daighneachadh còir nan daoine air "Rathad na Ciste".

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.