Trident "a chum maith na RA"

  • 1 An t-Iuchar 2014
Bàt'-aigeann Trident
Image caption Tha aon bhàt'-aigeann Trident an còmhnaidh aig muir.

'S ann a chum maith na Rìoghachd Aonaichte a bhiodh e siostam armachd niuclasach Trident a chumail, a rèir buidheann de sheann mhinistearan, dioplòmataich agus seanalairean.

Tha an aithisg aca a' co-dhùnadh gun cuidicheadh armachd niuclasach ann a bhith a' dèiligeadh ri cunnartan do thèarainteachd na RA san àm ri teachd.

Ach thuirt iad cuideachd gum faoidte patròl buan nam bàtaichean-aigeann a lùghdachadh, fhad 's a dh'fheumas an RA cuideachd sealltainn gu bheil i da-rìribh mu bhith ag obair a dh'ionnsaigh dì-armachd eadar-nàiseanta.

Nìthear co-dhùnadh deireannach air co-dhiù an tèid Trident ùrachadh ann an 2016.

Fìrinneachadh

Chaidh an co-dhùnadh a chur dheth gu às dèidh an taghaidh choitchinn ann an 2015, ri linn eas-aonta eadar na Tòraidhean agus na Lib-Deamaich.

Fhad 's a tha Daibhidh Camshron taiceil ri a bhith a' cur siostam den aon sheòrsa an àite Trident, tha na Lib-Deamaich ag ràdh gum faoidte an àireamh de bhàtaichean-aigeann a tha e a' cleachdadh a lùghdachadh bho cheithir gu trì, gus àirgead a chùmhnadh.

Chuir Rùnaire Dùbhlanach an Dìon, Vernon Coaker, fàilte air moladh a' Choimisein gu bheil e a chum maith na RA armachd niuclasach a ghlèidheadh.

Ach thuirt labhraiche dìon an SNP, Aonghas Robasdan, gur e an aon dòigh a th' aig Alba cuidhteas fhaighinn de Trident, a bhith a' bhòtadh airson neo-eisimeileachd san referendum san t-Sultain.

Thuirt e nach robh an SNP air a bhith an sàs anns na còmhraidhean thar-phàrtaidh. "Gun teagamh, cha robh sinn air aontachadh ri co-dhùnadh a' Choimisein," thuirt e.

Thuirt Coimisean Trident, 's iad a' foillseachadh na h-aithisg aca, gun robh iad den bheachd gu bheil a bhith "a' glèidheadh agus a' cur an sàs armachd niuclasach" riatanach airson an RA a dhìon, agus airson dleastanasan eadar-nàiseanta na dùthcha a choileanadh mar bhall de Nato.

Thuirt iad gu bheil Trident a' coileanadh fheumalachdan a thaobh creideas, meud, seasmhachd, sìneadh agus deisealachd" agus gum bu chòir roghainnean eile a chaidh a mholadh "dìreach ri linn chùmhnaidhean a dh'fhaodadh a bhith ann" a dhiùltadh.

Am measg bhall a' choimisein tha seann Rùnaire Cèin nan Tòraidhean, Sir Malcolm Rifkind, seann Rùnaire Dìon nan Làbarach, am Morair Browne, agus seann Cheannard nan Lib-Deamach, Sir Menzies Caimbeul, a thuilleadh air seann Cheannard Dream an Dìon, am morair Guthrie, agus Sir Jeremy Greenstock, a tha na Thosgaire Breatannach aig na Dùthchannan Aonaichte.

Thuirt an aithisg aca nach bu chòir armachd niuclasach fhìrinneachadh mar "phoileasaidh àrachais" an dèidh theagamhan an ama ri teachd, no airson àite dioplòmasach Bhreatainn gu h-eadar-nàiseanta a ghlèidheadh.

'S ann le a chomas dèiligeadh ri "cunnartan so-chreidte" do thèarainteachd na RA, a dh'fhìrinnichear Trident, thuirt iad.

Dh'ainmich e trì suidheachaidhean às an èireadh leithid de chunnart; bho stàit aig an robh armachd niuclasach o chionn fhada 's a bhiodh ga giùlain fhèin "gu bùireach"; bho stàit aig a bheil bho chionn fhada, no a th' air ùr-fhaighinn armachd niuclasaich 's a "dheadh gu farpais straiteiseach leis an RA"; no "cunnart mòr, ro-làidir" sa bheil armachd lèir-sgrios an sàs.

Am Fàradh Niuclasach

"Ma tha fiù 's amharas ann gum bi armachd niuclasach gu feum ann a bhith a' dìon na RA agus a cuid charaidean san àm ri teachd a thaobh a bhith a' seachnadh màil-dhuibh niuclasaich, no a thaobh a' cho-theacsa tèarainteachd nas fharsainge sa bheil an RA na suidhe, bu chòir armachd niuclasach a ghleidheadh," thuirt an aithisg.

Cha robh aonta sa Choimisean a thaobh na ceist co-dhiù bu chòir an cleachdadh a tha a' dol an-dràsta, far a bheil aon bhàt'-aigeann niuclasach an còmhnaidh aig muir, a leantail san àm ri teachd.

Bha cuid de bhuill den bheachd gum bu chòir am patròl buan seo leantainn gus an tigeadh "piseach air àrainneachd na tèarainnteachd", fhad 's a bha cuid eile a' cumail a-mach, gun chunnart dìreach a bhith ann do mhaith na RA, gum faoidte sin a stad sa bhad, fhad 's a ghleidhte comas air patròl a bharrachd a dhèanamh ann an suidheachadh èiginn.

Ach bha an Coimisean aontaichte a thaobh gum bu chòir do Bhreatainn beachdachadh air na dh'fhaodadh i a dhèanamh gus dì-armachd a bhrosnachadh, agus gus fàs armachd niuclasaich a dhì-bhrosnachadh.

Fhad 's a dh'aithnich an Coimisean na ceumannan a chaidh a ghabhail bho dheireadh a' Chogaidh Fhuair, thuirt iad gum faodadh Breatainn coimhead ri lùghdachadh a thoirt air na th' aice de dh'urchairean agus cinn-armachd, piseach a thoirt air pròiseasan dearbhaidh, agus an aire a thoirt gu bhith a' lùghdachadh stocan de stuth spreadhaidh.

"Mholadh an Coimisean gun sgrùdadh Ministrealachd an Dìon na ceumannan sìos an fhàradh niuclasach nas mionaidiche, gus misneachd a bharrachd a thoirt don choimhearsnachd eadar-nàiseanta gu bheil sinn a' beachdachadh air na ceumannan sin dha-rìribh, air thoiseach air còmhraidhean iomadh-ìreil mu dhì-armachd," thuirt iad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile