Ar nàbaidhean Ceilteach

  • 30 An t-Ogmhìos 2014
Mapa
Image caption Dè a' bhuaidh a bheir an referendum air neo-eisimeileachd air muinntir Èirinn a Tuath agus a' Chuimrigh?

Chan eil teagamh ann nach toir an referendum air neo-eisimeileachd san t-Sultain buaidh air sluagh na h-Alba air fad, ge bith dè an taobh a thèid a' bhòt.

Ach dè a' bhuaidh a bheir e air muinntir Èireann a Tuath agus na Cuimrigh?

Ann an Rathad an Referendum: Ar Nàbaidhean Ceilteach, tha an tè-naidheachd phoileataigeach, Anna NicLeòid, a' siubhal tro Èirinn a Tuath agus a' Chuimrigh gus beachdachadh air a' bhuaidh a bhios aig a' bhòt air an dà sgìre eadar-dhealaichte seo.

An toireadh neo-eisimeileachd ann an Alba buaidh air an ìre de dh'fhèin-riaghladh sa Chuimrigh? Agus, a bheil cunnart gun dùisg an deasbad ann an Alba sgaraidhean às ùr ann an Èirinn a Tuath?

Ge bith dè an roghainn a nì muinntir na h-Alba anns an t-Sultain, bheir e buaidh air a h-uile ceàrnaidh den Rìoghachd Aonaichte.

Èirinn a Tuath

Tha dlùth-cheanglaichean eadar Èirinn agus Alba - eachdraidh, cànan, cultar, spòrs, fiù 's ceanglaichean còmhdhail agus tha feadhainn de na ceanglaichean a tha sin air a bhith air an daingneachadh thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad.

Image caption Ìomhaigh ann am Beul Feirste

Ach dè a bhiodh neo-eisimeileachd Albannach a' ciallachadh dhan chàirdeas? An e lagachadh a thigeadh air na bannan, no an e neartachadh?

Tha aonadh aig cridhe poileataigs na sgìre seo, air gach taobh.

Aonadh a' ciallachadh dìlseachd dhan Chrùn, dìlseachd do Bhreatainn; air an taobh eile, tha miann ann aonadh na h-Èireann fhaicinn às ùr.

Tha an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba a' bualadh air gach taobh, air diofar adhbhar.

Sìth chugallach

Èirinn a Tuath: sgìre a chunnaic bliadhnaichean de chòmhstri, le call is bàs anns gach coimhearsnachd. Tha aonta poileataigeach a' toirt dhaibh sìth, ach sìth chugallach.

Image caption Iain Mac a' Phearsain

Am beachd Iain Mhic a' Phearsain: "Tha daoine a' cantainn gu bheil e caran coltach ri duine a tha spèileadh air uachdar deigh a thu rudeigin cugallach, 's os cionn uachdar an deighe a tha sin, gu bheil cùisean a' coimhead ceart gu leòr.

"Ach an uair sin canaidh cuid de dhaoine, fo uachdar an deighe, mar gum biodh, gu bheil a h-uile sian bunaiteach fhathast ri obrachadh a-mach."

Fo sgàile ghàrraidhean Harland and Wolff, far nach fhaigheadh Caitligich obair uairegin, tha fèin-aithne nan dìlseach fon phrosbaig.

Thuirt am fear-naidheachd, Bill White: "Ge bith dè am beachd a th' aca air Alba mar dhùthaich neo-eisimeileach, chitheadh iadsan neo-eisimileachd mar rud a tha a' maoidheadh air an aonachdas fhèin."

Ìomhaighean poileataigeach

Tha sràidean Bheul Feirste air an còmhdachadh le ìomhaighean poileataigeach.

Image caption Bill White

Chan eil cliù aig Sinn Féin mar phàrtaidh a bhios a' seachnadh connspaid, ach tha iad a' diùltadh càil a ràdh mu neo-eisimileachd Albannaich.

A rèir Bill White: "Sinn Féin, tha iad gu math seòlta. Chan eil iad a' gabhail gnothaich ris an seo. Nam faighnichinn dhaibh, chanadh Gerry Adams agus Màrtainn McGuiness, "'S e gnothach do mhuinntir na h-Alba a th' ann. Chan eil sinne airson 's gum bi iadsan ag innse dhuinne dè a nì sinne an seo, agus chan eil sinne a' dol a ràdh riuthasan dè a bu chòir dhaibhsan a bhith a' dèanamh."

A' Chuimrigh

Tha fèin-ìomhaigh làidir am measg nan Cuimreach - tha misneachd aca nan cànan fhèin 's nan dualchas fhèin, gu ìre nach eil air a bhith aig muinntir na h-Alba.

Ach tha cùisean eadar-dhealaichte ann am poileataigs oir chan eil an aon ìre de thaic aig Plaid Cymru 's a th' aig Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.

Image caption Leanne Wood

Dè a' bhuaidh a dh'fhaodadh bhòt na h-Alba air neo-eisimeileachd a thoirt air nàiseantachd an seo?

Thuirt Ceannard Plaid Cymru, Leanne Wood: "Tha mòran taic sa Chuimrigh airson tuilleadh fèin-riaghlaidh, airson tuilleadh fèin-ùghdarrais, airson tuilleadh fèin-daighneachd.

"Tha na cunntasan-bheachd a' sealltainn gu bheil muinntir na Cuimrigh ag iarraidh tuilleadh chumhachdan.

"Tha mise den bheachd gu bheil àm na Cuimrigh fhathast ri thighinn agus le Alba a' roghnachadh a dàn a dhearbhadh san Lùnastal, tha sin a' fosgladh chothroman do mhuinntir na Cuimrigh cuideachd."

Teagamh

Tha cuid sa cheann a tuath ag ràdh, ged a dh'fhaodadh cumhachd a bharrachd a bhith air fàire, nach fhaigheadh neo-eisimeileachd mòran a bharrachd taic.

Image caption Ruairidh Francis

A rèir Ruairidh Francis: "Nam bhòtadh muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd, gun teagamh sam bith bhiodh Cuimrich ann a chanadh gum bu chòir dhuinne eisimipleir na h-Alba a leantainn.

"Gu ìre, tha a' Chuimrigh air sin a dhèanamh ann a bhith a' faighinn chumhachdan laghail, mar a fhuair Alba, bliadhna no dhà roimhe sin.

"Ach a rèir nan cunntasan-bheachd co-dhiù, aig an ìre seo, chan eil mòran taic airson neo-eisimeileachd anns a' Chuimrigh."

Image caption Rhodri Morgan

Thuirt Rhodri Morgan, a bha roimhe na Phrìomh Mhinistear anns a' Chuimrigh: "Aig an ìre seo 's e dùthaich sheasmhach a th' anns an RA ach, ann am bliadhna no dhà, ma bhòtas Alba airson neo-eisimeileachd, nì daoine ath-bhreithneachadh co-dhiù an e dùthaich sheasmhach le crìochan seasmhach a th' innte dha-rìribh.

"Ciamar as urrainn dhut rìoghachd aonaichte a thoirt air àite mur a bheil e aonaichte tuilleadh... bheir sin dhut beachd air a' chrith-thalmhainn a bhiodh ann nam bhòtadh muinntir na h-Alba 'Bu Chòir'."

Cothrom no cunnart

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Rathad an Referendum: Ar nàbaidhean Ceilteach

Taghaidh muinntir na h-Alba air an 18mh là den t-Sultain, le luchd an Aonaidh agus Nàiseantaich ann an ceàrnaidhean eile a' coimhead ris an roghainn mar chunnart no cothrom.

'S e a' cheist dhaibhsan, dè an t-atharrachadh a bheir a' bhòt sin air ar càirdean Ceilteach?

Tuilleadh air an sgeulachd seo