Ath-sgrùdadh air gunnaichean ga iarraidh

  • 27 An t-Ogmhìos 2014
Poilis armaichte
Sgaoil am feachd ùr nàiseanta am poileasaidh air feadh na h-Alba.

Dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd air Poilis na h-Alba beachdachadh a-rithist air an co-dhùnadh leigeil le oifigearan poilis san sgìre gunnaichean a ghiùlain.

Tha àireamh bheag de dh'oifigearan, a th' air trèanadh sònraichte fhaighinn, air a bhith a' giùlain ghunnaichean gu cunbhalach co-dhiù bhon Ghiblean an-uiridh.

Leig seann feachdan poilis Shrath Chluaidh agus Taobh Tatha le oifigearan sònraichte gunnaichean a ghiùlain mus deach am feachd ùr nàiseanta a chur air bhonn.

Tha Poilis na h-Alba air am poileasaidh a chur an sàs air feadh na dùthcha.

Obair phoilis àbhaisteach

Chuir 59 buill de Chomhairle na Gàidhealtachd an taic ri gluasad a thog leas-cheannard an ùghdarrais, Daibhidh Alston, ag iarraidh gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' phoileasaidh.

Na bu thràithe an t-seachdain seo, dh'aidich an t-oifigear a tha an urra ri obair nam Poileas air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan gum b' urrainn dha a bhith air barrachd a dhèanamh airson fios a thoirt don phoball mu atharrachadh air poileasaidh na h-armachd.

Thuirt an t-Ard-Supt Julian Innes "gur dòcha nach do mhìnich e" an t-atharrachadh cho math 's a dh'fhaodadh.

A' bruidhinn ris a' BhBC, thuirt e gun robh oifigearan air a bhith a' giùlain tèasaran agus dagannan pasgte fad 13 mìosan mus do nochd dragh mun phoileasaidh.

Gearainean

Tha 275 oifigearan armaichte aig Poilis na h-Alba - 1.6% de na h-oifigearan a th' ann - agus tha iad gan cur a-mach air siostam sioftaichean.

Thòisich gearainnan mu oifigearan armaichte a bhith air Ghàidhealtachd sa Chèitean, nuair a thog am BPA neo-eisimeileach, Iain Finnie, dragh mun atharrachadh poileasaidh.

Thuirt Mgr Finnie gum b' fheudar do dh'oifigearan armaichte roimhe an gunnaichean a thoirt a-mach à glais ann an carbad armaichte, le cead bho àrd-oifigear a-mhàin.

Thuirt e cuideachd gu bheil oifigearan armaichte, às dèidh an atharrachaidh, air taic a thoirt do dh'oifigearan neo-armaichte le obair phoilis àbhaistich, leithid a bhith a' sgaoileadh sluaigh air an oidhche taobh a-muigh thaighean-seinnse agus chlubaichean.