Dòchas mu chàball a' Chuain Sgìth

Càball air grunnd na mara Choinnich Fòram Lìbhrigidh Cumhachd Ath-nuadhachail nan Eilean airson a' chiad uair ann an Glaschu Diardaoin.

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha dòchas gum bi gluasad air Càball a' Chuain Sgìth ro dheireadh na bliadhna.

Choinnich Fòram Lìbhrigidh Chumhachd Ath-nuadhachail nan Eilean airson a' chiad uair ann an Glaschu Diardaoin.

Bha Rùnaire Chumhachd Bhreatainn, Ed Davey, agus Ministear Chumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, an làthair.

Dh'innis a' chompanaidh SSE gun cuir iadsan a-nise prògram obrach ri chèile ro dheireadh an t-Sultain.

Tha dòchas ann gun seall sin gu bheil càball dealain airidh air na cosgaisean mòra a bhiodh na lùib.

Soilleireachadh

Start Quote

Tha sinn a' faicinn gu bheil feum air an seo airson na h-eaconamaidh, gu bheil tòrr obraichean maille ri seo agus gun tig teachd-a-steach mhòr a-steach dha na h-Eileanan air cùlaibh seo.”

End Quote Calum Iain MacÌomhair Comhairle nan Eilean Siar

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Chomhairle nan Eilean Siar, Calum Iain MacÌomhair, gu bheil e misneachail mu na thàinig a-mach às a' choinneimh eadar na buidhnean a tha ag amas air cumhachd ath-nuadhachail sna h-Eileanan adhartachadh.

Dh'innis Mgr MacÌomhair gun cualas aig a' choinneamh bho SSE, a' chompanaidh a tha an urra ris a' chàball a chur an sàs, agus bho Ofgem, an t-ùghdarras a bheir cead dhan chàball.

An dèidh còmhraidh is deasbaid, thuirt e gun d' fhuaireas beagan soilleireachaidh a thaobh na tha a' cur bacadh air a' chùis.

"Bha e math cluinntinn gu bheil plana-gnìomha a' dol a thighinn san t-Sultain, a' sealltainn dè a tha a' cur bacadh air a' chàball," thuirt e.

Ged nach do dh'ainmich SSE na bh' air bacadh a chur air a' phròiseict, thuirt iad gun tèid a h-uile càil fhoillseachadh sa phlana-ghnìomh.

Dòchasach gun tèid adhartas a dhèanamh san t-Sultain, thuirt Mgr MacÌomhair gum b' urrainnear an dèidh sin obrachadh còmhla gus bacaidhean sam bith a rèiteach.

Cumhachd ath-nuadhachail

Tha na h-Eileanan air a bhith a' feitheamh bhliadhnaichean airson adhartas agus fiosrachadh a bharrachd gun tèid an càball a chur an sàs, agus gun tèid ceangal ceart a dhèanamh eadar na pròiseactan a th' ann, 's a dh'fhaodadh a bhith ann, anns na h-Eileanan agus an Griod Nàiseanta air Tìr Mòr.

Thuirt Mgr MacÌomhair gu bheil na h-Eileanan an Iar, Arcaibh agus Sealtainn mothachail gur ann aca a tha an cumhachd ath-nuadhachail as fheàrr san Roinn Eòrpa, agus gur e briseadh-dùil a th' ann nach urrainn dha na trì ùghdarrasan eileanach an cumhachd sin fhaighinn air falbh.

"'S e briseadh-dùil a th' ann gun teagamh gu bheil na bliadhnaichean 's na bliadhnaichean 's na bliadhnaichean a' dol seachad, 's nach eil sinn a' faighinn a' chàbaill a tha seo, ach tha mi a' smaoineachadh gur e ceum mòr a rinn sinn an-diugh, 's gum bi soilleireachadh againn dè a tha a' cur bacadh air 's gun tig piseach às dèidh sin.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil feum air an seo airson na h-eaconamaidh, gu bheil tòrr obraichean maille ri seo agus gun tig teachd-a-steach mhòr a-steach dha na h-Eileanan air cùlaibh seo," thuirt e.

Ged a thathas tàmailteach nach d' fhuairear chun nam buannachdan sin gu ruige seo, thathas dòchasach gum bi naidheachd mhath ann ro dheireadh na bliadhna seo.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • HMS TimbertownSgeulachd HMS Timbertown

    Am measg àmhghar is dòrtadh fala a' Chogaidh Mhòir, tha sgeulachd mu sheòlaidairean cùl-earalais, le Leòdhasaich nam measg, a chaidh a chur dha na trainnsichean.


  • Feannagan FàrachVágaveltan - Feannagan Fàrach

    Ciamar a dh'fhàsas muinntir nan Eileanan Fàrach buntàta?


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.