Smachd air maoineachadh Eòrpach ga ghluasad

  • 26 An t-Ogmhìos 2014
Drochaid Scalpaigh
Image caption Thairis air an 20 bliadhna mu dheireadh, tha iomadach pròiseact air airgead Eòrpach a chur gu feum - drochaidean is cabhsairean ùra nam measg.

Chaidh fhàgail air Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' tarraing barrachd is barrachd chumhachd a Dhùn Èideann, gu sònraichte a thaobh mar a tha airgead Eòrpach ga roinn a-mach.

Chun an seo bha airgead Eòrpach a' chinn a tuath air a ruith le Compàirteachas Eòrpach na Gàidhealtachd 's nan Eilean - bha na h-ùghdarrasan ionadail, HIE agus buidhnean eile an-sàs ann.

Ach, o seo a-mach, 's e a-nis Dùn Èideann a bhios ga ruith.

Thairis air an 20 bliadhna mu dheireadh, tha iomadach pròiseact air airgead Eòrpach a chur gu feum - drochaidean is cabhsairean ùra nam measg.

Bha an t-airgead air a roinn a-mach tro compàirteachas eadar ùghdarrasan ionadail agus buidhnean iomairt.

Smachd

Tha Riaghaltas na h-Alba a-nis a' dol a ghabhail smachd air a' mhaoineachadh seo os làimh.

Thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gur e briseadh-dùil mòr a th' ann gun tèid smachd air maoineachadh Eòrpach dhan Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan a ghluasad a Dhùn Èideann.

Nochd am beachd aig coinneamh de Chomataidh Poileasaidh agus Stòras na Comhairle, le aon bhall ag ràdh gur e cùis nàire a th' ann.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach robh an dòigh anns an robh an t-airgead air a roinn roimhe a freagairt air prìomhachasan nàiseanta.

Lagachadh

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil suideachadh na Comhairle air lagachadh gu ìre mhòir.

"Feumaidh sinn cuimhneachadh gur ann air sgàth an t-suidheachaidh a th' air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a tha tòrr mòr den airgead Eòrpach seo a' tighinn a-steach dhan dùthaich, agus 's e briseadh-dùil a th' ann nach eil barrachd smachd againn mar Chomhairle air dè tha dol a thachairt leis an airgead a tha sin.

"Tha an t-airgead air feum mòr a dhèanamh agus tha sinn a' faicinn sin a' crìonadh air falbh agus ma 's e agus gu bheil a' mhaoin a tha seo a tha a' tighinn a-steach, ged a tha e nas lugha, ma tha e gu bhith ga cleachadh air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan, nì e fhathast feum mòr.

"Ach ma 's e 's gu bheil e gu bhith a' dol dha na bailtean mòra ann am meadhan Alba, 's e fìor bhriseadh-dùil a bhios an sin agus chan eil sinne a' faicinn gu bheil sin gu bhith cothromach air dòigh sam bith," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile