Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Savile

Thàinig sreath de rannsachaidhean mòra dhan cho-dhùnadh gun do rinn Jimmy Savile ionnsaighean drabasta air daoine den a h-uile aois, feadhainn cho òg ri còig bliadhna, fad bhliadhnaichean fhad 's a bha cothrom aige tadhail air ospadail agus togalaichean eile ann an seirbheis na slàinte ann an Sasainn. Gheall Roinn na Slàinte gun dèan iad an dìcheall gus nach tachair an leithid a-rithist.

World's End

Chaidh duine mu choinneimh na cùirte fo chasaid gun do mhurt e dithis dheugaire ann an Dùn Èideann ann an 1977. 'S ann an Taigh-seinnse World's End, ann an Dùn Èideann, a chaidh Eilidh Scott agus Christine Eadie fhaicinn beò mu dheireadh, mus deach na cuirp fhaighinn air taobh sear Lodainn. Chaidh Aonghas Mac na Ceàrdaich, a tha 67, mu choinneimh na cùirte mar-thà ann an 2007, ach thuirt am Britheamh an turas sin nach robh cùis ann na aghaidh. 'S e a' chiad dhuine riamh a thèid fheuchainn a-rithist, an dèidh do lagh na h-Alba atharrachadh ann an 2011, far nach fhaodadh duine a chur fo chasaid dà uair airson an aon eucoir. Tòisichidh a' chùirt air an 6mh là den Dàmhair.

Abu Qatada

Chaidh an clèireach radaigeach, Abu Qatada, fhaighinn neo-chiontach fo chasaidean ceannairc aig cùirt ann an Iòrdan. Tha Qatada, a chaidh a chur a-mach à Breatainn an-uiridh, an dèidh strì fhada laghail, ri seasamh fhathast an aghaidh chasaidean eile mu phlana airson ionnsaigh air luchd-turais ann an Iòrdan anns a' bhliadhna 2000.

Feamainn

Iarraidh Comhairle nan Eilean Siar air a' chompanaidh Marine Biopolymers beachdachadh a-rithist an dèidh dhaibh cùl a chur ri plana airson factaraidh feamainn ùr ann an Loch Baghasdail. Dh'innis a' chompanaidh an t-seachdain seo chaidh gu bheil iad am beachd a-niste factaraidh ùr a chur air làrach an am Barra Challtainn, faisg air an Òban. Bhiodh an fhactaraidh air 60 cosnadh ùr a thoirt a dh'Uibhist a Deas.

Oifisean

Thuirt Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gum bu chòir prìomh oifisean na companaidh a bhios a' ruith aiseigean a' chost an iar a ghluasad a dh'Uibhist. Tha riaghailtean Eòrpach a' ciallachadh gum feum na seirbheisean a dhol a-mach gu tairgse mus tig cùmhnant ùr gu buil an ceann dà bhliadhna. Thuirt Mgr Caimbeul gun dèanadh e brosnachadh mòr do dh'eaconamaidh nan eilean na prìomh oifisean a stèidheachadh ann an Uibhist.

Àireamh-sluaigh

Bha àireamh-sluaigh na Rìoghachd Aonaichte aig beagan a barrachd air 64 millean an-uiridh, suas 400,000 air a' bhliadhna ron a sin. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun tàinig 200,000 den àrdachadh sin le in-imreachd eadar-nàiseanta, agus an còrr leis gun do rugadh 200,000 leanabh a bharrachd air an àireamh a bh' ann de bhàs.