Iarrtas às ùr mu chompanaidh aiseig

  • 26 An t-Ogmhìos 2014
MV Isle of Lewis Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption 'S ann aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn a tha an cùmhnant an-dràsta, ach tha dùil gum beachdaich diofar chompanaidhean air a' chùis.

Bu chòir prìomh oifisean na companaidh a bhios a' ruith aiseagan a' chost an iar a ghluasad a dh'Uibhist.

Tha sin a rèir Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul.

Tha riaghailtean Eòrpach a' ciallachadh gum feum na seirbheisean a dhol a-mach gu tairgse mus tig cùmhnant ùr gu buil an ceann dà bhliadhna.

Thuirt Mgr Caimbeul gun dèanadh e brosnachadh mòr do dh'eaconamaidh nan eilean na prìomh oifisean a stèidheachadh ann an Uibhist.

CalMac

'S ann aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn a tha an cùmhnant an-dràsta, ach tha dùil gum beachdaich diofar chompanaidhean leithid Serco, a tha a' ruith nan aiseagan ann an Arcaibh is Sealtainn, air a' chùis.

Ge bith cò a gheibh an cùmhnant, tha moladh air nochdadh gum bu chòir dhaibh, mar phàirt den aonta sin, prìomh oifisean na companaidh a ghluasad dha na h-Eileanan, gu sònraichte a dh'Uibhist.

Na bu tràithe am-bliadhna, dh'iarr comhairliche Eileanach gun deadh àrd-oifisean ChalMac a ghluasad dha na h-Eileanan an Iar, agus gun deadh riochdairean eileanach a chur air bòrd-stiùiridh na companaidh.

Ged a nochd am beachd roimhe, tha ceannard na Comhairle ag ràdh gur e seo an t-àm airson an leithid de dh'aonta fhaighinn, 's e ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air a' ghnothach.

Ceist

Cha do thachair e gu ruige seo ge-tà; tha prìomh oifisean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn fhathast ann an Guireag.

Image copyright Geograph/Thomas Nugent
Image caption A dh'aindeoin iarrtais, tha prìomh oifisean ChalMac fhathast ann an Guireag.

Ma 's e 's nach fhaigh CalMac an cùmhnant a-rithist, tha ceist ann am biodh e càil nas fhasa iarraidh air companaidhean mòra prìobhaideach eile an cuid oifisean a ghluasad.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach eil moladh den t-seòrsa seo air a thighinn thuca gu ruige seo, 's nach eil an leithid aca san amharc.

Thuirt fear-labhairt gur e am prìomh amas a th' acasan, dèanamh cinnteach gum bi farpais cheart agus cothromach ann agus gum faigh na coimhearsnachdan a' bhuannachd as motha às.

Thuirt e gun dèanar conaltradh ris na comhairlean agus na coimhearsnachdan mun t-slighe air adhart.

Buannachd

Nan deadh gabhail ris an iarrtas, tha coltas gum biodh e na bhuannachd mhòr dhan sgìre - 's màithte a' cruthachadh obraichean leantainneach do chòrr is 100 neach.

Thuirt Mgr Caimbeul, ma 's e agus gun tèid na h-oifisean a ghluasad, gum biodh e a' ciallachadh an t-uabhas do dh'Uibhist.

Thuirt e gum biodh e cuideachd a' ciallachadh gum biodh iadsan a tha a' dèanamh cho-dhùnaidhean às leth nan daoine nas fhaisge air na daoine air a bheil na co-dhùnaidhean sin a' bualadh.

Thuirt Àrd-oifigear Stòras Uibhist, Huw Francis, gum biodh e na bhuannachd, chan ann a-mhàin do dh'Uibhist, ach dha na h-Eileanan air fad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile