Gnìomhachas Gàidhealach

  • 25 An t-Ogmhìos 2014
A' Ghàidhlig
Image caption Tha na cùrsaichean gan ruith air feadh Gaeltacht na h-Èireann, ann an Èirinn a Tuath, agus air taobh siar na h-Alba.

Tha Ceangal G, pròiseact a tha ag amas air co-obrachadh eadar buidhnean poblach ann an Èirinn a Tuath, Poblachd na h-Èireann agus Alba, a' cumail sreath chlasaichean margaidheachd an ath-sheachdain.

Bidh na bùthainnean-obrach anns an Eilean Sgitheanach, an t-Òban agus Glaschu.

Tha Ceangal G air a bhith a' ruith ann an sgìrean Gaeltachta ann am Poblachd na h-Èireann, ann an Èirinn a Tuath, agus air feadh cuid mhòir de thaobh siar na h-Alba.

"Tha sinn air a bhith a' ruith chùrsaichean goirid airson daoine a tha an sàs ann an gnìomhachasan co-cheangailte ri turasachd, no co-cheangailte ri gnìomhachasan a tha a' reic sheirbheisean far a bheil a' Ghàidhlig no a' Ghaeilge ga cleachdadh," thuirt stiùiriche Cheangal G, Alasdair Moireasdan.

Innleachd

"Chaidh a' chiad chùrsaichean a ruith ann an Dún na nGall agus Béal Feirste, agus tha iad dìreach a' maireachdainn ceithir no còig uairean de thìde, 's tha iad air feum a dhèanamh do chompanaidhean an sin.

"'S e a-niste cothrom a thoirt do chompanaidhean anns an dùthaich seo.

"Gu h-àraid daoine anns na sgìrean far a bheil a' Ghàidhlig 's dòcha taobh a-staigh na companaidh aca, agus gum biodh feum ann dhaibh dearbhadh do dhaoine gu bheil iad rud beag eadar-dhealaichte.

"An còmhnaidh, far a bheil thu ann an suidheachadh far a bheil thu a' reic seirbheis, no ge b' e dè tha thu a' reic, tha thu ag iarraidh seasamh a-mach bho na daoine eile a tha 's dòcha ris an aon obair.

"Agus tha dearbhadh againn gu h-eadar-nàiseanta gu bheil luchd-turais a' coimhead airson rud anns a bheil mar gum biodh eachdraidh, stòraidh is sgeulachd, far a bheil doimhneachd. Agus tha sin againn air Ghàidheatachd 's tha e againn ann an Èirinn cuideachd.

"Air a' cheann thall, 's e an rud a tha gnìomhachas sam bith ag iarraidh a dhèanamh, 's e a bhith a' dèanamh no a' reic barrachd den stuth no den t-seirbheis a tha iad a' tabhann.

"Innleachd sam bith a ghabhas a chleachdadh airson sin a dhèanamh, bu chòir feum a dhèanamh dheth.

"Tha fios againn, air feadh an t-saoghail, daoine a tha a' cleachdadh mion-chànain agus mion-chultair, gu bheil e a' toirt buannachd dhaibh.

"Sin agad an rud a tha sinne ag iarraidh a dhèanamh an seo air Ghàidhealtachd," thuirt e.

Tòisichidh a' chiad bhùth-obrach san Eilean Sgitheanach, 1mh an t-Iuchar, ann an Ionad Àros ann am Port Rìgh.

Thèid tè eile a chumail an ath là, 2na an t-Iuchar, ann an Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite.

Thèid bùth-obrach an Òbain a chumail 3mh an t-Iuchar, agus bidh tè ann an Glaschu air 4mh an t-Iuchar.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile