Crann-gaoithe Shiaboist a' soirbheachadh

  • 25 An t-Ogmhìos 2014
Poili-chrùb
Chaidh còig poili-chrùban fhosgladh gu h-oifigeil ann an Siabost.

Tha coimhearsnachd Shiaboist ann an Leòdhas a' faighinn bhuannachdan mòra bho chrann-gaoithe a thogadh san sgìre bho chionn dà bhliadhna.

Tha còrr is £100,000 sa bhliadhna a' tighinn bhon chrann ann an Horsiadar.

Bha strì aig muinntir Shiaboist ri dhèanamh mus d' fhuair iad an crann-gaoithe sa chiad dol a-mach, ach a-nise, 's math as fhiach i agus i a' toirt iomadach buannachd dhan choimhearsnachd.

Am measg nam buannachdan sin, tha poili-chrùban - seòrsa de thunail fàis mòr.

Chaidh còig dhiubh sin fhosgladh gu h-oifigeil Dimàirt, 's fhuair muinntir na coimhearsnachd cothrom sùil a thoirt air na tha a' tachairt nam broinn.

Planntraisean

Tha cuid de na poili-chrùban fosgailte dhan choimhearsnachd agus tha Aonghas MacLeòid am measg na tha a' gabhail bràth air an sin.

Dh'innis Mgr MacLeòid gu bheilear air mòran phlanntraisean a chur - gu ruige seo, rudan air a bheilear eòlach leithid càil, churranan, leatasan agus biotais.

Thuirt e gun gabhadh iomadh seòrsa lus fhàs sna poili-chrùban, eadhon lusan a tha gu bitheanta a' fàs anns na tropaigean.

Polycrub
Thuirt Aonghas MacLeòid gun gabhadh iomadh seòrsa lus fhàs sna poili-chrùban, eadhon lusan a tha gu bitheanta a' fàs anns na tropaigean.

Tha mòran aig muinntir Shiaboist ri ionnsachadh fhathast, a rèir Mhgr MhicLeòid. Mar eisimpleir, tha frithealadh mionaideach a dhìth ri linn cho blàth 's a tha e sna poili-chrùban.

Soirbheachadh

Thuirt e gu bheil mòran de mhuinntir na coimhearsnachd air a dhol an sàs annta ge-tà, 's iad uile a' coimhead às dèidh nan ceathramhan aca fhèin.

"Gu dearbha fhèin, 's e seo an rud a b' fheàrr a thàinig dhan choimhearsnachd a-riamh 's e tional airgid a-steach dhan choimhearsnachd, 's a' choimhearsnachd ga chur gu feum.

"Ma shoirbhicheas le seo, chan eil càil de dh'fhios dè an ath rud a thig às," thuirt Mgr MacLeòid.

Tha airgead a' chrainn-ghaoithe cuideachd air taic a thoirt do phròiseactan coimhearsnachd eile, àite-cluiche don chloinn agus taigh-tasgaidh nam measg.