Rannsachadh Radon Loch Nis

  • 24 An t-Ogmhìos 2014
Ionad-Tadhail Chaisteal Urchadain
Thèid an sgrùdadh san ionad-tadhail aig Caisteal Urchadain

Thèid sgrùdadh a dhèanamh aig Ionad-Tadhail Chaisteai Urchadain faisg air Druim na Drochaid feuch a bheil gas radon ma sgaoil ann.

Thuirt Alba Aosmhor gu bheil iad a' cur uidheamachd shònraichte dhan ionad às dèidh mar a nochd ìrean àrda de radon ann an Àrd-sgoil agus Bun-sgoil Ghlinn Urchadain sa Ghearran.

Tha na h-ìrean sin air tuiteam bhon uair sin is tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad 'son lùghdachadh a bharrachd a thoirt orra.

Rèidiachd

'S e gas nàdarra a th' ann an radon ach leis gu bheil rèidiachd ann, faodaidh e aillse adhbharachadh.

Thuirt Alba Aosmhor nach eil an t-ionad ann an sgìre a th' air a meas gu bheil e ann an cunnart bho radon agus nach tèid sgrùdadh a dhèanamh sa chaisteal fhèin, leis nach eil an gas na chunnart ach ann an àiteachan beaga dùinte.

"Cha deach sgrùdadh a dhèanamh roimhe oir chan eil an t-àite air a mheas gu bheil cunnart ann, ach leis gun robh cùisean ann san sgìre mun cuairt, tha sinn air an sgùdadh a tha seo a chur air dòigh," thuirt Alba Aosmhor.

"Tha sàbhailteachd an luchd-obrach is an luchd-tadhail na prìomhachas dhuinn," thuirt iad.