Leudachadh air an Eastgate

  • 24 An t-Ogmhìos 2014

Tha duil ri ceud cosnadh an lùib leudachaidh a thèid a dhèanamh air ionad bhùithdean an Eastgate an Inbhir Nis.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh dhan phròiseact, fo stiùir na companaidh F&C Reit, Dimàirt.

Bidh trì làr na chois anns am biodh còig taighean-bìdhe, taigh dealbh le ochd scrionaichean a bharrachd air bùithdean.

Thèid 120 cosnadh a chruthachadh a bharrachd air ceud fhad 's a tha an obair-togail fhèin a' dol air adhart.

Chan eil fhios cinnteach ann fhathast cuin a thèid tòiseachadh air an obair-togail.