Ministear ùr an Leòdhas

  • 24 An t-Ogmhìos 2014
Càrlabhagh Image copyright Geograph / M J Richardson
Image caption Dh'fhalbh an t-Urr. Kenny MacLeòid gu Dowanvale ann an Glaschu o chionn dà bhliadhna.

Tha coithional na h-Eaglaise Saoire ann an Càrlabhagh an Leòdhas a' faighinn mhinisteir ùir.

Ghabh an t-Urr. Tòmas Davis ri gairm bhuapa.

Tha Mgr Davis air ùr-thighinn a-mach na mhinistear bho Cholaiste Diadhachd Dhùn Èideann.

Ged is ann an Obar Dheathain a rugadh Mgr Davis, ghluais an teaghlach a Leòdhas nuair a bha e na leanabh 's chaidh a thogail ann an Steòrnabhagh.

Tha Càrlabhagh air a bhith às aonais mhinisteir bho ghluais an t-Urr. Kenny MacLeòid gu Dowanvale an Glaschu bho chionn dà bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile