Gealltanas mu fharpais bho Certas

  • 24 An t-Ogmhìos 2014
Pumpa connaidh
Bha dragh mu chion-farpais ann am margaidh a' chonnaidh sna h-Eileanan Siar.

Ghabh Ùghdarras na Farpais 's na Margaidheachd (CMA) ri gealltanas bhon chompanaidh Certas Energy Uk Eta, agus DCC plc, a tha ag amas air piseach a thoirt air na tha de dh'fharpais ann am margaidh a' pheatroil 's an diesel anns na h-Eileanan Siar.

Tha an gealltanas a' toirt chùmhnantan a bha a' toirt air cuid de na stèiseanan connaidh sna h-Eileanan a bhith a' ceannach connaidh bho Certas a-mhàin fad còig bliadhna, gu crìch.

Bidh roghainn nas fharsainne a-niste aig stèiseanan connaidh a thaobh cò bhuaithe a cheannaicheas iad an cuid connaidh, agus mu mhionaidean nan cùmhnantan ris an cuir iad an ainm.

Fon ghealltanas gheibh companaidhean eile cothrom air cinn-phìoba Certas ann an Loch a' Chàrnain ann an Uibhist a Deas, agus ann an Steòrnabhagh, fad còig bliadhna.

Tha an CMA agus Oifis na Malairt Cothromaiche air a bhith a' rannsachadh margaidh a' chonnaidh sna h-Eileanan Siar, feuch an robh cion-farpais ann, gu seachd àraid a thaobh nan cùmhnantan eadar Certas agus na stèiseanan connaidh.

Tha an CMA a-niste air an rannsachadh sin a dhùnadh, ri linn a' ghealltanais a fhuair iad bho Certas agus DCC plc.

Thuirt Ann Pope bhon CMA: "Tha sinn toilichte dha-rìribh gu bheil na gealltanasan seo againn bho Certas, a tha a' toirt cothrom dha-rìribh airson companaidhean eile a bhith a' dol an sàs ann am margaidh a' chonnaidh sna h-Eileanan Siar san ùine fhada.

"Bu chòir gun cuidich seo le bhith a' dèanamh phrìsean nas fharpaisich, a chùm maith mhuinntir agus ghnothachasan sna h-Eileanan."