Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iorac

Tha Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, a' coinneachadh ri ceannardan Cùrdach ann an ceann a tuath Iorac 's iad a' deasbad an adhartais a tha feachdan Sunni a' dèanamh. Tha na reubaltaich bhon buidheann ISIS ag ràdh gu bheil làn-smachd aca a-niste air an ionad-ola as motha san dùthaich, tuath air Baghdad, ged a tha airm Iorac a' dol às àicheadh sin.

ISIS

Chaidh dearbhadh gur e fear a thogadh ann an Obar Dheathain an treas duine à Breatainn ann an bhidio a sgaoil ISIS, ag iarraidh air Breatannaich a dhol a shabaid còmhla riutha ann an Siria. 'S e Raqib an t-ainm air am b' aithne do dhaoine ann an Obar Dheathain e. Thuirt a' choimhearsnachd Mhuslamach agus Bangladeshi anns a' bhaile gun do chuir an naidheachd uabhas orra.

An Èipheit

Thuirt Ceann-suidhe na h-Èipheit, Abdel-Fattah el-Sissi, nach gabh esan gnothach ri breith cùirte a chur binn seachd bliadhna an urra sa phrìosan air triùir luchd-naidheachd bhon bhuidheann chraolaidh Al Jazeera. Chaidh Peter Greste, Astràilianach a bha ag obair dhan BhBC aig aon àm, agus dithis cho-obraiche a chur an grèim an-uiridh fo chasaid gun robh iad a' craoladh bhreugan agus ag obair còmhla ris a' Bhràithreachas Mhuslamaich.

Ìre pàighidh

Tha aithisg ùr ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte iad dèanamh cinnteach nach fhaigh duine de luchd-obrach nan seirbheisean poblach pàigheadh nas lugha na an ìre pàighidh airson bith-beò, a tha 20% nas àirde na am pàigheadh as ìsle a tha ceadaichte fon lagh, aig £6.31 anns an uair. Thuirt an sgrùdadh gu bheil pàigheadh ìosail a' fàgail dhaoine ann am bochdainn fad am beatha. Tha dragh ann gun cuir pàigheadh nas motha maill air fàs eaconomaigeach.

Taigh nam Morairean

Bidh deasbad ann an Taigh nam Morairean an-diugh mu neo-eisimeileachd na h-Alba. Tha na buill gu bhith a' coimhead air aithisg a mhol nach bu chòir gnothach a bhith aig Buill-Pàrlamaid Albannach ri còmhraidhean agus aonta, ma 's e agus gum biodh bhòt ann airson neo-eisimeileachd anns an t-Sultain.

Mapa

Tha Comhairle nan Eilean Siar mì-thoilichte le mapa a rinn SNH de sgìrean a thèid an comharrachadh mar fhearann fàsaich. Tha a' Chomairle ag ràdh gum bu chòir an co-dhùnadh sin fhàgail aig na h-ùghdarrasan ionadail, a tha gu math nas eòlaiche, thuirt iad, air an fhearann san sgìre aca fhèin na tha SNH.

Ministear ùr

Tha coithional na h-Eaglaise Saoire ann an Càrlabhagh an Leòdhas a' faighinn ministear ùr. Ghabh an t-Urramach Tòmas Davis ri gairm bhuapa. Tha Mgr Davis air ùr thighinn a-mach na mhinistear bho Cholaiste Diadhachd Dhùn Èideann. Ged is ann an Obar Dheathain a rugadh Mgr Davis, ghluais an teaghlach a Leòdhas nuair a bha e na leanabh agus chaidh a thogail ann an Steòrnabhagh. Tha Càrlabhagh air a bhithgun mhinistear bho ghluais an t-Urramach Kenny MacLeòid gu Dowanvale an Glaschu bho chionn dà bhliadhna.