Einnsein-smàlaidh ùr do HIAL

Einnsean-smàlaidh Tha a' chompanaidh HIAL air 20 einnsean ùr a cheannach airson puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha luchd-smàlaidh Port-Adhair Steòrnabhaigh a' cur fàilte air dà einnsean-smàlaidh ùr.

Chosg iad £300,000 an urra.

Uile gu lèir, tha a' chompanaidh HIAL air 20 einnsean ùr a cheannach airson puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Thuirt a' chompanaidh gum bi iad nas èifeachdaiche na an fheadhainn a bh' aca, agus gum mair iad co-dhiù 20 bliadhna.

Dh'innis Seumas Moireach, a tha na mhanaidsear-fàire aig Port Adhar Steòrnabhaigh, gun tàinig na h-einnsein às an Spàinn agus gun chosg iad mu £7m uile gu lèir.

Teicnigeach

Thuirt e gu bheil a h-uile post-adhair taobh a-staigh HIAL a' faighinn carbadan ùr.

Tha na h-einnsein ùra nas teicnigiche na bha an t-seann fheadhainn, le siostaman coimpiutaireachd air cùlaibh gach nì agus, gu cudromach, tha barrachd uisge agus cop air bòrd na b' àbhaist.

Dh'innis Mgr Moireach gu bheil na h-einnsein-smàlaidh a thathas a' cleachdadh aig puirt-adhair diofraichte bho einnsein àbhaisteach, 's gu bheil feumalachdan diofraiche aca, gu ìre.

Ach, coltach ri carbad smàlaidh sam bith, feumaidh iad a bhith uabhasach luath: "Tha an lagh a' cantainn gum feum sinne a bhith aig ceann an raon-laighe ann an trì mionaidean agus feumaidh iad a bhith gu math luath airson sin a dhèanamh."

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.