Deasbad ann an Taigh nam Morairean

  • 24 An t-Ogmhìos 2014
Morairean Image copyright Getty Images
Image caption Bidh an deasbad stèidhichte air aithisg a thàinig a-mach bho chomataidh de Mhorairean air a' mhìos a chaidh seachad.

Bidh deasbad mòr an Taigh nam Morairean Dimàirt mu neo-eisimeileachd na h-Alba.

Tha na buill gu bhith a' coimhead air aithisg a mhol nach bu chòir gnothach a bhith aig Buill-Phàrlamaid Albannach ri còmhraidhean agus aonta, ma 's e 's gun tèid bhòtadh airson neo-eisimeileachd san t-Sultain.

Bidh an deasbad stèidhichte air aithisg a thàinig a-mach bho chomataidh de Mhorairean air a' mhìos a chaidh seachad, 's iadsan a' beachdachadh air dè a thachradh nam bhòtadh muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd.

Mhol iad gum bu chòir do bhuill bho roinnean-taghaidh Albannach an seataichean a chumail aig Westminster eadar an ath-thaghadh coitcheann agus làn neo-eisimeileachd.

Còmhraidhean

Mhol iad cuideachd ge-tà, nach bu chòir dha a bhith ceadaichte dhaibh a dhol an sàs ann an còmhraidhean co-cheangailte ri neo-eisimeileachd, leis gur ann a bhiodh iad dìleas dhan luchd-bhòtaidh aca fhèin, seach an RA.

Thuirt a' chomataidh cuideachd nach leigeadh Riaghaltas Westminster a leas cumail ris a' chlàr-ama a tha Riaghaltas na h-Alba air a chur romhpa airson chòmhraidhean mu neo-eisimeileachd - 's e sin gun tigeadh iad gu co-dhùnadh ron Mhàirt 2016; a rèir nam Morairean, cha bu chòir dhaibh cumail ris an sin mura robh e ann an ùidh a' chòrr den RA sin a dhèanamh.

A thuilleadh air an sin, tha na Morairean a' coimhead air adhart ri seasamh nam ball Albannach agus an càirdeas a bhios eatorra às dèidh bhòt airson neo-eisimeileachd.

Chaidh co-dhùnadh gum feumadh seasamh nam ball - a thaobh chomasan-bhòtaidh - a bhith air a mhìneachadh ro thaghadh coitcheann na h-ath-bhliadhna; nam biodh Alba neo-eisimeileach, cha bhithear airson 's gum b' urrainnear pàirt a ghabhail ann am bhòtaichean nach robh a' buntainn do dh'Alba.