CnES mì-thoilichte le mapa SNH

Mapa SNH Tha SNH air cuibhreann den Ghàidhealtachd a chomharrachadh mar fhearann fàsaich.

Sgeulachdan co-cheangailte

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar gur ann aig ùghdarrasan ionadail a bu chòir am facal mu dheireadh a bhith airson fearann ainmeachadh mar fhearann fàsaich.

Dh'fhoillsich Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) mapa an t-seachdain seo a tha a' sealltainn nan sgìrean a tha iadsan air a chomharrachadh mar fhearann fàsaich.

'S e sin fearann a th' air a dhìon bho leasachaidhean leithid thuathan-gaoithe.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad ag aithneachadh cho cudromach 's a tha fearann, is gum feumar buannachd a thoirt às gun a bhith a' dèanamh cron air.

Tha iomagain orra ge-tà mun t-suidheachadh.

"Tha sinn air faicinn thairis air na bliadhnaichean, nuair a thathas a' clàradh fearainn, no muir cuideachd, mar sgìre shònraichte, gu bheil an uair sin rudan a' tighinn a-steach le ùine a tha a' cur bacadh air leasachadh is tha sinn air sin fhaicinn le làraich eachdraidheil tro na h-eileanan, is tha sinn air sin fhaicinn san dà bhliadhna a chaidh seachad," thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

Eòlas

Dh'aontaich iad gum bu chòir dìon shònraichte a chur air cuid de sgìrean, ach thuirt iad gu bheil eòlas ionadail bunaiteach ann a bhith a' dèanamh leithid de cho-dhùnadh.

"Tha sinn a' gabhail ris gu bheil uallach air an Riaghaltas bhon Roinn Eòrpa seo a dhèanamh, ach tha sinn ag ràdh gur ann aig ùghdarrasan ionadail agus an fheadhainn a tha a' fuireach air agus a' cleachdadh an fhearainn, gur iadsan a bu chòir a bhith a' stiùireadh sin gu ìre mhòir.

"Tha fhios againn gu bheil iad air atharrachadh a dhèanamh air na clàran bhon fheadhainn a chaidh a-mach an toiseach, às dèidh conaltraidh, is chan eil na sgìrean a tha air an comharrachadh san dòigh seo, chan eil iad cho farsaing 's a bha iad, ach an dèidh sin, 's ann aig an fheadhainn a tha ag obair agus a tha a' fuireach air an fhearann - bu chòir dhaibhsan am facal mu dheireadh a bhith aca.

"Nuair a chì thu gu bheil iad a' sìneadh a-mach far a bheil buaidh aig leasachadh air na h-àiteachan sònraichte sin, gu bheil iad a' sìneadh sin a-mach gu còig mìle, tha e a' dol a dhubhadh às tòrr den fhearann anns na h-Eileanan gu sònraichte bho leasachadh sam bith," thuirt e.

Tha SNH ag ràdh gu bheil am mapa a' comharrachadh nan sgìrean as motha de dh'fhearann air nach eil buaidh ro fhollaiseach aig mac-an-duine ri fhaicinn, agus a thathas a' meas cudromach aig ìre nàiseanta.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.