Teachdaire no teachdaireachd?

  • 23 An t-Ogmhìos 2014

Aig a' cheann-thall, ghèill Ailig Salmond ris an uallach agus ghabh e ri deasbad telebhisein le ceannard Nas Fheàrr Còmhla, Alistair Darling.

Sin, co-dhiù, a' ghrèis a bu toil le luchd an Aonaidh cur air naidheachd an deireadh-seachdain.

Thuige seo, thuirt am prìomh mhinistear gur ann leis a' phrìomhaire a bu chòir dha deasbad.

Tha Mgr Salmond fhathast ag iarraidh air David Camshron sin a dhèanamh.

Ach às dèidh Ghèamaichean a' Cho-fhlaithis ann an Glaschu, coinnichidh e le Mgr Darling fo dheàrrsadh solas an stiùidio.

Dè a dh'atharraich?

Iarrtas

Cha do dh'atharraich sìon.

Bha làn fhios aig Ailig Salmond bhon toiseach nach gabhadh Mgr Camshron ris an iarrtas aige.

Thuirt am prìomhaire gur ann "eadar daoine an Alba" a bu chòir deasbad a chumail.

Agus, mar thòraidheach Sasannach a chaidh gu Eton na bhalach sgoile, bha fhios aig Mgr Camshron gum faodadh e barrachd cron no feum a dhèanamh coinneachadh aghaidh ri aghaidh le ceannard an SNP.

Thuig sgiopa Mhgr Salmond cuideachd nach gabhadh an sluagh ris nan diùltadh an nàiseantach as cliùitiche anns an dùthaich a dhol air beulaibh a' chamara.

B' e an aon cheist a bha aca, cùine.

Eagalach

Tha na nàiseantaich an dòchas gun do dh'fhuirich iad fada gu leòr gus cron a dhèanamh air Mgr Camshron - agus Nas Fheàrr Còmhla anns an fharsaingeachd - leis a' chasaid gun robh am prìomhaire ro eagalach an t-Aonadh a dhìon ann an deasbad telebhisein.

Agus, b' fheudar dhaibh gèileadh tràth gu leòr gun chothrom a thoirt do luchd an Aonaidh an aon rud a ràdh mu Mhgr Salmond fhèin.

A-nis tha e dearbhte gun tig Ailig Salmond agus Alistair Darling còmhla airson neo-eisimeileachd a dheasbad air thoiseach air an referendum.

'S e ceist eile, an toir e buaidh air toradh an bhòt?

Anns an t-Sultain, cha bhòt sinn airson prìomh mhinisteir, no fiù 's prìomhaire, ach air ceist a bheir buaidh air gach ginealach a leanas.

Ach, anns an là tha ann, uaireanan tha an teachdaire cho cudromach ris an teachdaireachd.