Sagart "neo-chiontach de dhrabastachd"

  • 23 An t-Ogmhìos 2014

Chaidh sagart a bhuinneas do dh'Uibhist a Deas fhaighinn neo-chiontach san Àrd-Chùirt ann an Obar Dheathain air casaidean èigneachaidh agus drabastachd.

Bha Maighstir Iain Aonghas Dòmhnallach, a tha 69, fo chasaid gun do dh'èignich e caileag sgoile o chionn còrr air 50 bliadhna, agus gun robh e ri drabastachd an aghaidh ghille deich bliadhna de dh'aois beagan bhliadhnaichean às dèidh sin.

Thug an diùraidh breith gun robh e neo-chiontach air na casaidean air fad.