Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

20 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

TSB

Dh'èirich luach nan earrainnean ann am Buidheann Banca TSB gu mòr nuair a chaidh iad air a' mhargaidh an-diugh. Chuir Buidheann Banca Lloyds, a bhuinneas ann am pàirt do luchd-pàighidh na cìse, barrachd na bha dùil de TSB, 35%, air a' mhargaidh agus e tighinn orra pàirt den bhuidhinn a reic fo riaghailtean na h-Eòrpa mu thaic na stàite.

Iorac

Tha na Stàitean Aonaichte a' cur 300 ball de na feachdan armaichte gu ruige Iorac. Rinn an Taigh Geal follaiseach gum bi iad a' toirt comhairle air Arm Iorac nan strì an aghaidh àr-a-mach nan Sunni, seach ionnsaighean a dhèanamh bhon adhair. Tha sabaid chruaidh a' dol air adhart ann an ceann a tuath Iorac far a bheil na reubaltaich a' feuchainn ri smachd fhaighinn air an ionad-ola as motha a tha san dùthaich.

Fògarraich

Thuirt na Dùthchannan Aonaichte gun deach an àireamh dhaoine as motha riamh fhàgail gun dachaigh le cogadh agus fòirneart an-uiridh. Bha an àireamh ann an 2013 suas mu shia millean, agus 's e an cogadh ann an Siria as motha a chuir ris an àrdachadh sin.

Ofgem

Nì an riaghladair cumhachd, Ofgem, sgrùdadh air margaid an dealain anns na h-Eileanan Siar. Choinnich dithis bhon bhuidhinn mar thà ri riochdairean Chomhairle nan Eilean Siar agus Taighean Innse Gall, a dh'fhaicinn buaidh bochdainn connaidh air an sgìre. Tha na h-Eileanan Siar air am meas mar aon de na sgìrean as miosa airson bochdainn connaidh.

Loch Baghasdail

Thuirt Stòras Uibhist gu bheil dòchas ann fhathast air gnìomhachas ùr a thoirt a Loch Baghasdail an dèidh do Marine BioPolymers tarraing a-mach à plana na factaraidh feamad aca an sin. Thuirt Stòras Uibhist, an dèidh coinneimh bhliadhnail na buidhne an-raoir, gun iarr iad a-rithist air a' chompanaidh sin, no air companaidhean eile tighinn ann. Bha dùil ri 60 cosnadh ùr leis a' phròiseact.

Inbhir Lòsaidh

Tha linn ùr a' tòiseachadh aig Feachd an Adhair ann an Inbhir Lòsaidh an-diugh le sguadran de dh'itealain chogaidh Typhoon a' gluasad ann. Tha na Typhoons a' tighinn à ionad Luachair ann am Fìobha, a tha a-niste fo smachd an Airm.