Coimisean an Taghaidh a' rannsachadh sanais

  • 20 An t-Ogmhìos 2014
Am Morair Reid
Image caption Anns an t-sanas, tha am Morair Reid a' cur ìmpidh air an t-sluagh bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd.

Tha Coimisean an Taghaidh a' rannsachadh co-dhiù a bheil sanas ris an do chuir am Morair Reid ainm an aghaidh an lagh.

Anns an t-sanas, a chaidh fhoillseachadh anns a' phàipear Scottish Catholic Observer, tha am Morair Reid a' cur ìmpidh air an t-sluagh bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd.

Cha deach a dhèanamh follaiseach ge-tà, cò a phaigh airson an t-sanais, mar a dh'fheumas tachairt le sanasan mun referendum.

Dhearbh Coimisean an Taghaidh gun deach gearain a dhèanamh mun t-sanas, 's gu bheilear a-nis a' rannsachadh na cùise.

Anns an t-sanas làn-duilleige, bha dealbh den Mhorair Reid an cois brath-naidheachd anns an robh e a' cur ìmpidh air an luchd-leughaidh bhòtadh "Cha Bu Chòir" anns an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba san t-Sultain.

Stiùireadh

Bha am brath air a shoidhneadh: "Iain Reid, seann Mhinistear Caibineit a' Phàrtaidh Làbaraich agus seann chathraiche Celtic FC".

Nan stiùireadh airson iomairt an referendum, tha an Coimisean ag ràdh gur e an "neach a chuireas air adhart" sanas an "duine a thug cead gun deadh a chlò-bhualadh".

Tha e air a ràdh gum feum 'imprint' a bhith an lùib an t-sanais gus sealltainn cò a tha cunntachail airson a chur ri chèile, agus gus dèanamh cinnteach gu bheil e soilleir cò a tha ag iomairt anns an referendum.

Tha an stiùireadh a' leantainn: "Ma tha e ann am pàipear-naidheachd no ann an ràitheachan, feumaidh ainm is seòladh clò-bhualadair a' phàipeir-naidheachd no an ràitheachain a bhith air a' chiad duilleig no an duilleag mu dheireadh, agus feumaidh ainm is seòladh an neach a tha ga chur air adhart a bhith follaiseach san t-sanas."