Seirbheisean adhair gan tilleadh?

  • 20 An t-Ogmhìos 2014
Port-adhair Bheinn nam Fadhla
Image caption Nochd draghan mun bhuaidh a bh' aig na gearraidhean san t-seirbheis adhair eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh air coimhearsnachdan nan eilean.

Dh'fhaodadh gun till seirbheisean adhair còig là san t-seachdain eadar Steòrnabhagh agus Baile a' Mhanaich sa Ghiblean an ath-bhliadhna, ma thèid le planaichean a tha Comhairle nan Eilean Siar am beachd a chur an sàs.

Tha fear de chomhairlichean Uibhist, Raghnall MacFhionghain, ag ràdh ge-tà, gu bheil muinntir na sgìre a' fulang ri linn seirbheis trì là san t-seachdain an-dràsta, 's gum bu chòir a leudachadh nas sgiobalta.

Cho-dhùin a' chomhairle sa Ghearran an-uiridh an t-seirbheis eadar Beinn nam Fadhla is Steòrnabhagh a ghearradh bho chòig là gu trì agus chaidh an t-seirbheis eadar Beinn nam Fadhla is Barraigh a ghearradh buileach glan.

Gearraidhean

Nochd draghan sa Ghearran am-bliadhna mun bhuaidh a bh' aig na gearraidhean san t-seirbheis adhair eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh air coimhearsnachdan nan eilean, gu h-àraidh air seirbheisean slàinte.

Thuirt Mgr MacFhionghain gun do bhruidhinn muinntir na coimhearsnachd ri Loganair on uair sin, gus feuchainn ri rudeigin a chur air adhart.

Tha dùil aig an ìre seo nach till seirbheisean Diluain agus Dihaoine gu toiseach na h-ath-bhliadhna.

"Chòrdadh e ris a' choimhearsnachd an t-seirbheis fhaighinn nas luaithe na tha iad a' bruidhinn air an-dràsta," thuirt Mgr MacFhionghain.

Iarrtas

Ged a nochd ceist mun chùis, thuirt an Comh. MacFhionghain gu bheil iarrtas ann airson seirbheis còig là san t-seachdain, co-dhiù airson daoine a dh'fheumas a thighinn a-nuas on ospadal.

Thuirt e gur iadsan an fheadhainn as motha a tha a' fulang, gu sònraichte seann daoine nach eil comasach air an t-slighe fhada a dhèanamh ann an càr 's air a' bhàt'-aiseig, air làithean far nach eil seirbheis adhair ri fhaotainn.

A thuilleadh air seirbheisean Steòrnabhaigh, tha draghan ann mu sheirbheis Inbhir Nis.

On chaidh seirbheisean a ghearradh, ma dh'fheumas euslainteach a dhol a dh'Inbhir Nis, tha cosgaisean mòra an lùib a bhith a' fuireach air falbh bho Dhiardaoin gu Dimàirt.

Bheachdaich Mgr MhicFhionghain roimhe: "Nam biodh Bòrd na Slàinte a' cur na cosgais sin a-staigh leis an itealan, bhiodh an t-seirbheis againn còig là san t-seachain."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile