Aithne do thaighean Eileanach

  • 20 An t-Ogmhìos 2014
Cliff House Image copyright Dualchas
Image caption Cliff House ann an Galtrigil san Eilean Sgitheanach.

Chaidh taighean san Eilean Sgitheanach agus ann an Tiriodh a mheas mar "air leth" aig duaisean bliadhnail Institiùd Rìoghail Ailtirean Bhreatainn (RIBA).

'S iad a' chompanaidh Dualchas, a tha stèidhichte san Eilean Sgitheanach, a dhealbh an taigh ann an Galtrigil ann an Gleann Dail, agus Denizen Works a bha air cùlaibh House No. 7 ann an Tiriodh.

Tha na taighean a-nise air a' gheàrr-liosta airson duais Stirling RIBA, a tha am measg nan duaisean as cliùitiche a th' ann an saoghal na h-ailtearachd.

A' Ghàidhealtachd

"Tha e math 'son a' ghnìomhachais ann an Alba air fad agus tha mi a' smaoineachadh gu h-àraidh 'son na Gàidhealtachd," thuirt Alasdair Stephen bho Dhualchas.

"Corra uair tha na Gàidheil, tha iad a' smaoineachadh nach eil mòran feum anns an dualchas agus an eachdraidh a bh' againn agus dè feum a bh' anns na taighean-tughaidh a bh' againn, ach a h-uile taigh a tha sinn a' dèanamh, tha sinn a' coimhead air ais air an t-seòrsa de thaighean a bha ar sinnsearan a' togail.

"Tha na taighean a tha sinn a' dèanamh an-diugh, tha iad a cheart cho math ri taigh sam bith ann an Sasainn agus cuideachd san Roinn Eòrpa," thuirt e.

Thèid Duais Stirling, anns a bheil luach £20,000, a thoirt seachad san Dàmhair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile