Teintean an Inbhir Pheofharain

  • 19 An t-Ogmhìos 2014
Teine Image copyright SFRS
Image caption Chaidh dà bhiona sgudail agus càr a chur nan teine ann an Inbhir Pheofharain tràth Diardaoin.

Tha luchd-smàlaidh is poilis ann an Inbhir Pheofharain air rannsachadh a thòiseachadh às dèidh mar a chaidh dà theine a thòiseachadh a dh'aona ghnothach air taobh siar a' bhaile tràth madainn Diardaoin.

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm mu 03:00m gu càr a bha na theine air Rathad Dabhach Gartaidh. Chaidh an càr a mhilleadh.

Thàinig gairm-èiginn eile faisg air 04:00m is dà bhiona sgudail nan teine air Rathad Bhruaich a' Mhuilinn.

Cha deach duine a ghoirteachadh ach dhearbh na h-ùghdarrasan gun deach na teintean air fad a thòiseachadh a dh'aona-ghnothach.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith le fiosrachadh mun ghnothach fios a chur orra air neo air Crimestoppers.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile