Argamaidean eaconamach gam foillseachadh

Airgead agus bratach Dh'fhoillsich gach taobh den deasbad air neo-eisimeileachd na h-Alba am prìomh argamaidean eaconamach.

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha gach taobh den deasbad air neo-eisimeileachd na h-Alba air am prìomh argamaidean eaconamach fhoillseachadh.

A' bruidhinn aig co-labhairt mu eaconamaidh na h-Alba, thuirt Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, gun tòisich an deasbad mu neo-eisimeileachd "nuair a chì daoine far a bheil na cothroman eaconamach as fheàrr".

Dh'fhoillsich Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Danny Alexander, pàipear a tha a' cumail a-mach gun tigeadh buannachdan a thaobh malairt, cìsean agus seirbheisean poblach an cois an Aonaidh.

Rinn an dithis mhinistear bhon dà riaghaltas òraidean aig co-labhairt mu àm ri teachd na h-Alba ann an Dùn Èideann.

Breithneachadh

A' dèanamh òraid do dh'Institiud Chunntasairean Cairte na h-Alba, thuirt Mgr Swinney: "Tha e follaiseach gun deach an t-seòrsa prògraim a th' againne a dhealbh airson eaconamaidh na h-Alba a leudachadh agus fhàs.

"Tha sin bunaiteach gus ar mòr-mhiannan agus ar miann adhartais a thoirt gu buil.

"Tha mise a' smaoineachadh gun tòisich an deasbad mu neo-eisimeileachd nuair a chì daoine far a bheil na cothroman eaconamach as fheàrr. Sin nuair a tha mise den bheachd a nì daoine breithneachadh.

"Chan ann mu 'a bheil mi a' creidsinn a' phàipeir seo a tha ag ràdh gum bi mi £1,400 nas fheàrr dheth, no am pàipear seo a tha ag ràdh gum bi mi £1,000 nas fheàrr dheth' a tha e.

"'S ann a tha e mu bhith a' coimhead ris an fhiosrachadh air fad agus ag ràdh càite nam bheachd-sa as soirbheachaile a bhios mo dhùthaich."

Iain Swinney Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum faodadh Alba a dhol ann an "Sòn Sterling" leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.
Sòn Sterling

Tha ministearan na RA a' cumail a-mach gum biodh muinntir na h-Alba mu £1,400 na b' fheàrr dheth sa bhliadhna nam fuiricheadh iad taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte, ach tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum faodadh muinntir na h-Alba a bhith £1,000 na b' fheàrr dheth ann an Alba neo-eisimeileach.

Tha labhraichean nan Tòraidhean, nan Làbarach agus nan Lib-Deamach air a ràdh nach tèid an Not a cho-roinn ann an aonadh-airgid le Alba neo-eisimeileach, ach tha Mgr Swinney air ath-aithris a bheachd gum faodadh Alba a dhol ann an "Sòn Sterling" leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt Mgr Swinney gun robh e ag aontachadh le Riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, gum feumar uachdaranachd fiosgail a leigeil seachad gu ìre, 's màithte a' gabhail a-steach aontaidhean mu ìrean iasaid agus fiachan.

"Tha mi den bheachd gur e crìochan reusanta a th' annta seo, ris an gabhadh sinn mar thoradh air a bhith mar dhùthaich neo-eisimeileach agus a bhith mar phàirt de "Sòn Sterling".

"Aon uair 's gun dèan sinn sin, tha bun-stèidh ann airson Alba neo-eisimeileach a bhith a' dèanamh nan co-dhùnaidhean eaconamach air a bheil sinn comasach."

Cothroman

A' foillseachadh na cùise airson an Aonaidh às leth Roinn an Ionmhais, rinn Mgr Alexander argamaid gu bheil an t-aonadh-airgid a th' ann an-dràsta na bhuannachd do dh'Alba.

Danny Alexander Thuirt Mgr Alexander gu bheil Alba a' faighinn cothrom air cisean nas ìsle agus seirbheisean poblach nach biodh comasach fo neo-eisimileachd.

Thuirt e gu bheil Alba a' faighinn cothrom air cìsean nas ìsle agus seirbheisean poblach nach biodh idir comasach fo neo-eisimeileachd.

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh le Roinn an Ionmhais air thoiseach air òraid Mhgr Alexander, chaidh beachd Riaghaltas na RA "gum biodh muinntir na h-Alba mu £1,400 na b' fheàrr dheth sa bhliadhna" ath-aithris.

Chaidh a ràdh sa phàipear gum biodh "malairt gun chrìochan" taobh a-staigh na RA agus ìrean iasaid nas ìsle nam buannachdan do dh'Alba.

Thuirt an aithisg cuideachd gum faodadh teachd-a-steach bhon ola agus gas a' Chuain a Tuath atharrachadh aig àm sam bith, agus gun crìon e aig a' cheann thall.

"On bhliadhna 2010, tha an Oifis neo-eisimeileach airson Dleastanas Buidseat air an teachd-a-steach seo a lùghdachadh £21bn.

"Ach, an àite a bhith feumach air cosgaisean a ghearradh ri linn seo, tha Riaghaltas na h-Alba air £2.2bn a bharrachd fhaighinn bho Riaghaltas na RA."

Thuirt Mgr Alexander: "Feumaidh daoine a bhith fiosrach mu bhuil referendum na h-Alba.

"'S ann air sgàth sin a ghabh sinn an anailis as farsainge 's as mionaidaiche a chaidh a dhèanamh riamh os làimh, mu àite na h-Alba san RA.

"Dh'fhaodar 'Project Fact' a thoirt air - còrr is 1,400 duilleag de dh'anailis, ag ainmeachadh fianais bho cheudan de eòlaichean agus buidhnean neo-eisimeileach.

"Tha an co-dhùnadh soilleir: tha cha-mhòr a h-uile pàirt de bheatha an Alba air a leasachadh seach gu bheil sinn nar pàirt den RA," thuirt Mgr Alexander.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.