Inbhe UNESCO do chruinneachadh Gàidhealach

  • 19 An t-Ogmhìos 2014
Alasdair MacGilleMhìcheil
Thug MacGilleMhìcheil 50 bliadhna a' cruinneachadh beul-aithris.

Thèid inbhe shònraichte UNESCO a bhuileachadh air Cruinneachadh MhicGilleMhìcheil MhicBhatair, an cruinneachadh de chultar 's eachdraidh Ghàidhealach.

Tha e am measg naoi stòrasan a gheibh inbhe am-bliadhna mar fheadhainn a tha glè chudromach a thaobh dualchas na Cruinne.

Chaidh an cruinneachadh a chur ri chèile leis an Liosach Alasdair MacGilleMhìcheil anns an 19mh Linn.

Bha e ag obair na ghèidsear air a' chosta an iar, agus thug sin cothrom dha sgeulachdan, seann-fhacail, laoidhean, ùrnaighean agus eile a chruinneachadh thairis air 50 bliadhna.

Inbhe Eadar-nàiseanta

Dh'fhoillsich e sin ann an cruinneachadh de leabhraichean air an tug e an tìotal Laideannach Carmina Gadelica (Òrain nan Gàidheal).

Thugadh an cruinneachadh seachad do dh'Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1948, leis an Oll. Uilleam MacBhatair, agus a mhac Seumas, a bha na ogha do MhacIlleMhìcheil.

Thathas ga fhaicinn mar fhear de na cruinneachaidhean as cudromaiche a thaobh cultar agus cànan nan Gàidheal.

"'S e onor mòr dha-rìribh a th' ann dhuinne, agus gu dearbha dha na coimhearsnachdan anns an robh Alasdair a' cruinneachadh bho chionn còrr is ceud bliadhna," thuirt an t-Oll. Dòmhnall Uilleam Stiùbhairt bho Oilthigh Dhùn Èideann.

"Am measg nan cruinneachaidhean a tha a' faighinn an onoir a tha seo, an t-inbhe, tha làmh-sgrìobhainnean aig Uilleam Shakespeare, tha pàipearan a' Phuist Rìoghail uile gu lèir; tha tableatan Ròmanach far a bheil iad a' sgrìobhadh mhallachdan air sin bho chionn dà mhìle bliadhna.

"'S e pàipearan agus cruinnichidhean uabhasach cudromach a tha siud, agus tha e dìreach iongantach gu bheil sinne a' faighinn aithne coltach ri cruinnichidhean cho inbheach 's cho urramach 's a tha siud.

Farsainn agus domhainn

"Tha e a' riochdachadh cultair an t-sluaigh ann an dòigh a tha uabhasach farsainn agus domhainn.

"Cuideachd tha e a' dèiligeadh, chan ann a-mhàin ri gnothaichean saoghalta, ach cuideachd ri gnothaichean spioradail.

"Bha ùidh mhòr aig MacIlleMhìcheil ann an ùrnaighean 's ann am beannachdan eorrthrachan cuideachd, agus 's ann àsta a tha a' chiad dà leabhar de Carmina Gadelica.

"'S e cruinneachadh far am faigh sinn 's dòcha blasad den a h-uile seòrsa, 's dòcha, feart a bhuinneas ri beatha nan Gàidheal anns an 19mh Linn a tha siud. Beatha ar sinnsireachd.

"Tha e uabhasach cudromach gum faigh sinn an t-inbhe a tha seo. 'S e inbhe eadar-nàiseanta a th' ann - 's dòcha an t-inbhe a b'fheàrr an ìre mhath a dh'fhaodadh cruinneachadh den t-seòrsa sin fhaighinn," thuirt e.