Ceitidh Mòrag a' tilleadh gu Leòdhas

  • 19 An t-Ogmhìos 2014
Ceitidh Mòrag
Bidh Cherry Chaimbeul agus a càirdean a' tilleadh gu Lèodhas gus sreath ùr de Cheitidh Mòrag a dhèanamh.

Thèid sreath ùr den phrògram chloinne Ceitidh Mòrag a dhèanamh ann an Leòdhas anns an t-Samhradh.

Tha e coltach gun do shoirbhich gu mòr leis a' chiad sreath den phrògram, a tha stèidhichte air na leabhraichean aig Màiri Hedderwick.

'S i an cleasaiche òg Cherry Chaimbeul à Glaschu a chluicheas pàirt Ceitidh Mòrag agus Leòdhas a' nochadh mar a dachaigh, Eilean Shruthaigh.

Bha 26 prògram air CBeebies is iad an uair sin cuideachd a' nochdadh air BBC ALBA is iad air an cur dhan Ghàidhlig.

Tha CBBC is CBeebies a-nise air tighinn còmhla gus sreath ùr a chur air dòigh.

Còmhla

'S e seo a' chiad turas a tha na seanalan air obrachadh còmhla san dòigh seo.

Thèid cuid de na prògraman a chraoladh air CBeebies is cuid eile - a bhios ag amas air chloinn beagan nas sinne - air CBBC.

'S e a' chompanaidh neo-eisimileach Move On Up a nì na prògraman.

Tha dùil gum bi buannachdan ann a-rithist do Leòdhas le fiolmadh an dà chuid an stiùdio tbh air an eilean agus a-muigh.

Thuirt a' bhuidheann turasachd VisitScotland bho thùs gun robh Ceitidh Mòrag na cothrom air leth gus na h-Eileanan an Iar a thaisbeanadh gu luchd-tadhail.