Cùis ionnsaighean drabasta ga cur dheth

  • 18 An t-Ogmhìos 2014
Àrd-chùirt Ghlaschu
Image caption Tha Dòmhnall MacNèill fo chasaid gun robh e ri drabastachd an aghaidh 13 nighnean thairis air 40 bliadhna.

Tha an Crùn air stad a chur air cùis-lagha an aghaidh duine às Uibhist a Deas, aois 81, a bha fo chasaidean èigneachaidh is drabastachd.

Thuirt dotairean nach robh Dòmhnall MacNèill fallain gu leòr airson a bhith air fheuchainn, 's e a' fulang le aillse agus ao-comasach air an fhianais a leantainn.

Tha e fo chasaid gun robh e ri drabastachd an aghaidh 13 nighnean thairis air 40 bliadhna.

Thòisich a' chùis-lagha na aghaidh san Àrd-Chùirt ann an Glaschu an t-seachdain seo chaidh.

Chun an seo, dh'innis dithis bhoireannach dhan chùirt gun do dh'èignich Mgr MacNèill iad nuair a bha iad eadar 12 agus 15 bliadhna de dh'aois.

Casaidean

Thathas a' cur às leth Mhgr MhicNèill gun do dh'èignich e nighean nuair a bha i 12 no 13 bliadhna de dh'aois sna 70an, agus gun do dh'èignich e caileag eile sna 90an nuair a bha i 14 no 15 bliadhna de dh'aois.

Thathas cuideachd a' cur às a leth gun tug e ionnsaighean drabasta air 13 nighnean eadar 1971 agus 2011.

Cha deach èisteachd a chumail o Dhihaoine seo chaidh, nuair a b' fheudar do Mhgr MacNèill a dhol don ospadal.

Dh'innis an Crùn Diciadain gu bheil iad air a' chùis a chur dheth, an-dràsta co-dhiù.

Tha Mgr MacNèill a' dol às àicheadh nan casaidean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo