A' Bhreatainn Bheag
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Beachdan às a' Bhreatainn Bhig

18 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha an referendum ann an Alba air aire a tharraing ann an iomadh dùthaich, gu sònraichte ann an àiteachan far a bheil neo-eisimeileachd, neo tuilleadh chumhachdan, na amas aig feadhainn.

Am measg nan àiteachan sin, tha a' Bhreatainn Bheag.

Tha iomairt air a bhith a' dol ann an sin fad bhliadhnachan airson tuilleadh riochdachaidh fhaighinn aig ìre nàiseanta, agus tha an deasbad air togail ceann a-rithist leis gu bheil Ceann-suidhe na Frainge, Francois Hollande, airson crìochan sgìrean na dùthcha atharrachadh agus cuid de dh'àiteachan a chur còmhla.

Ag aithris às a' Bhreatainn Bhig, seo Calum MacIlleathain.