Factaraidh feamad a' tarraing a-mach

  • 18 An t-Ogmhìos 2014
Cabhsair Eilein Ghàsaigh
Image caption Bha dùl gun cruthaicheadh an fhactaraidh suas ri 60 cosnadh ann an Uibhist.

Tharraing companaidh ghiollachd feamad a-mach à leasachadh chala Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas.

Bha dùil aig Marine Biopolymers Eta, (MBL) a tha stèidhichte ann an Siorrachd Àir, £20m a chur an sàs anns a' phròiseact, 's iad gu bhith a' togail factaraidh feamad ann an Eilean Ghàsaigh, a' cruthachadh suas ri 60 cosnadh.

Tha e air tighinn am bàrr gu bheil a' chompanaidh a-niste am beachd factaraidh a thogail aig Bàrr a' Challtainn ann an Earra-Ghàidheal.

Dhùin factaraidh feamad eile ann am Bàrr a' Challtainn anns na 1990an. Thathas a' tuigsinn gur ann air làrach na factaraidh sin a bhios an fhactaraidh ùr.

Briseadh-dùil

Dhearbh a' chompanaidh nach eil iad a' dol air adhart leis an fhactaraidh aca ann an Loch Baghasdail, ach cha tuirt iad dad a bharrachd a thaobh nan adhbharan air cùlaibh an co-dhùnaidh.

Thuirt Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil, a tha cuideachd air bòrd-stiùiridh MBL: "Bheachdaich MBL air iomadh làrach airson na factaraidh aca ann an Alba. Aig an àm a tha seo tha am Bòrd air bhòtadh airson Bàrr a' Challtainn.

"Tha am Bòrd cuideachd a' beachdachadh air roghainnean eile a bhiodh na b' èifeachdaiche. 'S e cothrom mòr a th' anns an fhactaraidh do dh'Alba - feumar iomadh co-dhùnadh a dhèanamh mus dèanar co-dhùnadh deireannach."

Tha Stòras Uibhist, a th' air a bhith ann an còmhraidhean leis a' chompanaidh fad iomadh bliadhna feuch an fhactaraidh a stèidheachadh ann an Uibhist, ag ràdh gur e briseadh-dùil mòr a th' ann.

"'S e briseadh-dùil mòr a th' ann gu bheil companaidh a bha gu bhith a' gabhail làraich air màl am beachd làrach a ghabhail ann an sgìre eile," thuirt Àrd-Stiùiriche Stòras Uibhist, Huw Francis.

"Cumaidh sinn oirnn ge-tà, a' feuchainn ri inntinn MBL atharrachadh agus an tàladh a Loch Baghasdail, far am biodh làrach ùr, glan aca, le brod de bhun-structar agus goireasan stèidhichte mar-thà."

Thuirt Mgr Francis cuideachd gu bheil Stòras Uibhist a-niste a' sireadh companaidh eile a dh'fhaodadh an làrach a ghabhail.

A thuilleadh air an fhactaraidh feamad, tha cabhsair air a chur a-null eadar Rubha Bhuailte agus Eilean Ghàsaigh, chaidh dà bhalla-mara a thogail airson dìon a bharrachd a thoirt don chala, agus tha obair air tòiseachadh air cidhe iasgaich agus goireasan cala do dh'iachtaichean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile