Atharrachadh air seirbheis-smàlaidh

  • 18 An t-Ogmhìos 2014
Carbad-smàlaidh
Image caption Thèid leasachaidhean a dhèanamh aig Port-adhair agus Stèisean-Smàlaidh Steòrnabhaigh.

Tha dòchas ann gum bi cothrom aig tuilleadh dhaoine, agus boireannaich gu h-àraid, air àite ann an seirbheis-smàlaidh nan Eilean Siar an dèidh sreath atharrachaidhean san t-seirbheis, a chaidh ainmeachadh Dimàirt.

Nam measg tha ionad-trèanaidh ùr agus leasachadh air stèisean smàlaidh Steòrnabhaigh.

"Tha sinn uabhasach toilichte gu bheileas a' cur ionmhais mu seach airson obraichean a dhèanamh ann an Steòrnabhagh, agus air feadh nan Eilean, airson gum bi an t-seirbheis a thathas a' toirt seachad nas èifeachdaiche dha na daoine a tha ag obair anns an t-seirbheis, agus tha sinn a' creidsinn gum bi e nas fheàrr dhan a h-uile duine," thuirt an Comh. Tormod MacLeòid, a b' àbhaist a bhith air seann bhòrd-smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

"A' chiad rud a thathas a' dol a dhèanamh, 's e àite airson trèanadh an luchd-smàlaidh shìos aig a' phort-adhair ann an Steòrnabhagh.

Boireannaich

"Bidh aonad ann an sin far an urrainn dhaibh fhèin agus an luchd-smàlaidh a tha ag obair aig Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean, gun tèid a h-uile càil a tha sin a dhèanamh shìos aig a' phort-adhair.

"Bidh sinn na chuideachadh mòr dha na daoine a th' anns na h-Eileanan air fad.

"Tha e a' ciallachadh nach bi aca ri falbh gu Tìr-Mòr airson cùrsaichean ùrachaidh, 's gun tèid tòrr dheth sin a dhèanamh gu h-ionadail.

"Daoine aig an àm seo, cha b' urrainn dhaibh ùine gu leòr a bhith aca airson falbh a thrèanadh air Tìr-Mòr.

"Tha seo a' ciallachadh gun urrainn dhaibh a bhith aig an taigh gach oidhche, agus nach bi na cosgaisean orra fhèin no air an t-seirbheis," thuirt e.

Thathas an dòchas cuideachd gun toir an t-atharrachadh seo cothrom do bharrachd bhoireannach pàirt a ghabhail san t-seirbheis.

"Tha sinn a' faicinn gur e sin an t-adhbhar a bha a' cumail tòrr bhoireannach bho a bhith ag iarriadh a dhol a-steach dhan t-seirbheis, nach b' urrainn dhaibh a bhith air falbh bho na teaghlaichean aca 's dòcha trì no ceithir làithean, agus uaireannan faisg air seachdain.

Goireasan

"Leis an aonad trèanaidh ùr a tha seo, tha e a' ciallachadh gun urrainn dhaibh sin a dhèanamh aig an taigh, 's bidh iad aig an taigh gach oidhche.

"Eadhon 's dòcha nam biodh iad a' tighinn suas às Uibhist no Barraigh, 's dòcha gum biodh aon oidhche acasan ri fuireach.

"Ach air an làimh eile, daoine eile air feadh nan Eileanan, 's urrainn dhaibh a dhol ann anns a' mhadainn agus bidh iad aig an taigh beul na h-oidhche," thuirt e.

Thèid na goireasan a th' aig Stèisean Smàlaidh Steòrnabhaigh a leasachadh cuideachd mar phàirt den atharrachadh.

"Nuair a bha Bòrd-Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann chaidh aontachadh gun robh feum air Stèisean Steòrnabhaigh a dhèanamh an-àirde agus goireasan a chur ann a bhiodh iomchaidh airson nam bliadhnaichean air thoiseach oirnn.

"Tha iad an dèidh gealltanas a thoirt dhuinn an-diugh gun tèid sin a dhèanamh, agus tha sinn uabhasach toilichte.

"Nuair a smaoinicheas sinn air cho ìosal 's a tha ionmhas air feadh Alba gu lèir, gu bheil iad air aontachadh anns a' chiad bhliadhna a-nise gun tèid Stèisean Steòrnabhaigh a dhèanamh an-àirde, agus 's e rud math a tha sin airson na coimhearsnachd gu lèir," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile