"Adhartas" aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

  • 17 An t-Ogmhìos 2014
Suaicheantas Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
Image caption Tha Riaghladair an Sgrùdaidh a' dèanamh dheth gu bheil cùisean a' tighinn air adhart

Thèid suidheachadh Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a dheasbad an t-seachdain seo agus Riaghladair an Sgrùdaidh air aithisg ùr ullachadh do Choimisean nan Cunntasan.

Thuirt an Coimisean ann an 2013 gum feumadh piseach a thighinn air stiùireadh na Comhairle anns a' bhad, neo gun robh cunnart ann gum fulaingeadh seirbheisean.

Thog Buidheann-sgrùdaidh na h-Alba roimhe air cho cugallach 's a bha a' Chomhairle, agus nach robh earbsa aig daoine ann an càch a chèile.

"Adhartas"

Tha an riaghladair ag ràdh gu bheil a' Chomhairle a' dèanamh adhartais, ach gu bheil e ro thràth innse dè cho èifeachdach 's a tha na leasachaidhean a chaidh a chuir an sàs air a bhith.

Tha an aithisg ag radh gu bheil stiùireadh na Comhairle a-nis nas seasmhaiche, ach gur ann cugallach a tha e fhathast.

Thig an aithisg air beulaibh chomhairlichean Diardaoin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile