Urraman na Banrigh

  • 16 An t-Ogmhìos 2014
Coineach MacÌomhair
Image caption 'S ann airson obair ann an craoladh agus dhan choimhearsnachd a fhuair Coinneach MacÌomhair OBE

Tha am preasantair rèidio Coinneach MacÌomhair am measg na fhuair urram air Liosta Urraman Co-là-breith na Banrigh.

Tha Coinneach Mòr, mar as fheàrr a dh'aithnichear e, air a bhith a' lìbhrigeadh a' phrògraim aige fhèin air Radio nan Gàidheal fad còrr is 20 bliadhna.

'S e urram OBE a chaidh a bhuileachadh air.

Thuirt e gun robh e gu math moiteil às an urram, agus gun robh e a' faireachdainn nach ann a-mhàin dha fhèin a bha e.

"Taobh na h-obrach dheth, tha e cho mòr dha na daoine eile agus an fheadhainn a tha an sàs ann an craoladh na Gàidhlig 's a tha e dhomh-sa, ach mas e 's gu bheil iad ga thoirt dhomhsa mar shamhla gu bheil àite aig craoladh na Gàidhlig, tha mi uabhasach toilichte mu dheidhinn sin," thuirt e.

Bha Iain Murchadh Moireasdan às na Hearadh am measg nan Gàidheil eile a choisinn àite air an liosta, 's esan a' faighinn MBE.

Thuirt e nach robh càil a dhùil aige gum faigheadh e urram dha leithid, agus gur ann dhan fheadhainn a bha ag obair còmhla ris fad còrr is 50 bliadhna a bha e, a thuilleadh air fhèin.

Fhuair Coinneach MacCoinnich a bha bliadhnaichean mòra os cionn margaidh-sprèidh Inbhir Pheofharain MBE, agus fhuair an t-Oll. Seumas Friseal, a' chiad Phrionnsapal a bh' air Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, CBE airson a' chuid obrach ann am foghlam agus dhan Eaglais Shaoir.