Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Hague

Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Uilleam Hague, gu bheil Breatainn deònach cobhair agus taic a thoirt do shuidheachadh Iorag, far a bheil reubaltaich Sunni is fhìor a' dèanamh adhartas. Ach thuirt Mgr Hague a-rithist nach eil dad de bheachd aig Breatainn armachd a chur an sàs. Tha Na Stàitean Aonaichte a' beachdachadh air còmhraidhean le Ioran an-dràsta mun t-suidheachadh, agus aithrisean ann gun do ghabh a' bhuidheann ISIS, aig a bheil ceanglaichean ri Al Qaeda, smachd air baile eile ann an Iorag.

ISIS

Chuir poilis san Spàinn ochdnar an grèim fo chasaid gun robh iad a' fastadh dhaoine airson a dhol a shabaid do ISIS ann an Iorag agus Siria. Thuirt Riaghaltas na Spàinn gun deach an cuir an grèim ann am Madrid anns a' mhadainn an-diugh.

Ceinia

Thuirt a' Chrois Dhearg ann an Ceinia gun deach mu 50 duine a mharbhadh nuair a thug buidheann de cheannaircich Islamach, Al Shabaab, ionnsaigh air baile beag air a' chost faisg air sgìre thurasachd Lamu. Chuir na ceannaircich teine ri dà thaigh-òsta.

Eileanan

Bidh fiosrachadh aig Riaghaltas na h-Alba an-diugh air dè na cumhachdan a tha iad deònach a thoirt do thrì ùghdarrasan eileanach na h-Alba, ma thèid bhòtadh airson neo-eisimeileachd. Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a' foillseachadh a' phlana ann an Arcaibh, an dèidh fad mhìosan de chòmhraidhean eadar Riaghaltas na h-Alba agus riochdairean nan sgìrean eileanach.

Cumhachdan

Chuir ceannardan pàrtaidhean an aonaidh an ainm ri barrantas a bheireadh tuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba nan deadh bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd. Tha na Làbaraich, na Tòraidhean agus na Libearalaich Dheamocratach ag ràdh gu bheil na h-aon chuspairean air a bheil iad aonaichte, mar tuilleadh smachd air cìsean agus sochairean sòisealta. Tha an iomairt airson neo-eisimeileachd ag ràdh nach gabh earbsa cuir anns a' ghealltanas a tha sin.

Modaràtair

Dh'iarr Modaràtair Eaglais na h-Alba air an dà thaobh anns an deasbad mu neo-eisimeileachd iad sguir a thigeil mì-mhodh air a chèile. Tha seo an dèidh ionnsaighean agus càineadh air-loidhne air feadhainn a rinn follaiseach mar-thà dè an taobh den deasbad air a bheil iad. Thuirt an t-Àrd-Urramach John Chalmers nach eil àite sam bith aig burraidheachd ann an deasbad mu theachd na h-Alba.