Tuilleadh mì-chinnt ann mu Àrd-sgoil Lìonail

  • 18 An t-Ogmhìos 2014
Sgoil Lionail
Tha àireamh nan sgoilearan air tuiteam bho 30 ann an 2012 gu ochdnar air a' bhliadhna sgoile seo tighinn.

Tha tuilleadh mì-chinnt ann mu Àrd-sgoil Lìonail ann an Nis agus Comhairle nan Eilean Siar a' gluasad air adhart le co-chomhairleachadh air foghlam àrd-sgoile san ionad.

Tha àireamh nan sgoilearan air tuiteam bho 30 ann an 2012 gu ochdnar air a' bhliadhna sgoile seo tighinn; bidh dithis sa chiad bhliadhna agus sianar san dàrna bliadhna.

Tha feadhainn de phàrantan na sgìre air co-dhùnadh an cuid chloinne a chur gu Àrd-sgoil MhicNeacail, seach Sgoil Lìonail.

Thuirt Cathraiche an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar, Catrìona Stiùbhart: "Tha an àireamh air a dhol sìos gu mòr agus 's e sin as coireach gum feum sinn a dhol a-mach - tha sinn ag iarraidh gum bi foghlam aig a' chloinn a th' ann an Lìonail a th' aig a h-uile leanabh eile ann an Leòdhas.

Astar

"Mar a chaidh a mhìneachadh an-duigh, cha bhi ann nuair a dh'fhosglas an sgoil an dèidh làithean-saora an t-Samhraidh ach ochdnar duine cloinne agus tha cosgais ann an sin suas ri £40,000 gach leanabh," thuirt i.

Dh'innis Ms Stiùbhart gu bheil oifigearan na Comhairle air a bhith a' bruidhinn ri pàrantan sa choimhearsnachd agus ris a' Chomhairle Choimhearsnachd ann an Nis, 's cuid iomagaineach mun astar a bhiodh aig a' chloinn ri siubhail gach là.

"'S e sin aon de na cuspairean air an robh iad a' bruidhinn.

"Tha sinn a' coimhead ri comhairle, agus dè mar a bhios clann a' siubhail, agus a' feuchainn ri dhèanamh cho furasta 's as urrainn dhuinn," thuirt i.