Soilleireachadh a dhìth mu obraichean

  • 13 An t-Ogmhìos 2014
An Tairbeart Image copyright Geopraph (Mike Pennington)
Image caption Chuala muinntir na Hearadh mu ma gearraidhean sa chompanaidh aig coinneamh air an Tairbeart.

Thathas a' feitheamh air soillearachadh mu shuidheachadh na companaidh cumhachd GSH Group anns na Hearadh agus ceist ann mu chòrr is 20 cosnadh a th' aca aca san eilean.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad airson cosgaisean a ghearradh air sgàth crìonadh san eaconamaidh.

Dh'innis a' chompanaidh eadar-nàiseanta, a tha an sàs ann an obair-stiùiridh chumhachd is ghoireasan, gu bheil iad a' dèanamh ath-sgrùdadh air an obair aca air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Dìcheallach

Tha iad airson barrachd den obair-rianachd aca a dhèanamh aig a' phrìomh oifis aca ann an Stoke on Trent.

Ged nach eil ann an conaltradh aig an ìre seo, tha ceist ann mu cheithir cosnadh air fhichead aig a' chompanaidh anns na Hearadh.

Tha ball nan Eilean Siar aig Holyrood, Alasdair Allan, air iarraidh air Ministear na h-Iomairt, Fearghas Ewing, agus air Iomairt na Gàidhealtachd snan Eilean soilleireachadh fhaighinn air dè an suidheachadh a th' ann.

Thuirt Ceann-suidhe fad bheatha GSH Group, Iain Scarr Hall, a stèidhich an oifis anns na Hearadh, gu bheil an luchd-obrach aca anns na Hearadh gu math dìcheallach is gu bheil sin a' fàgail gu bheil dòchas ann nach tèid obraichean a chall.