Cùis ionnsaighean drabasta sa chùirt

  • 12 An t-Ogmhìos 2014

Thòisich cùis lagh ann an Àrd-Chùirt Glaschu an aghaidh duine à Uibhist a Deas a tha fo chasaid gun d' thug e sreath ionnsaighean drabasta air nighnean òga thairis air 40 bliadhna.

Thathas a' cur às leth Dhòmhnall MhicNèill, a tha 81 bliadhna de dh'aois, gun do dh'èignich e nighean nuair a bha i 12 neo 13 bliadhna de dh'aois sna 70an agus gun do dh'èignich e caileag eile sna 90an nuair a bha i 14 neo 15 bliadhna de dh'aois.

Thathas a' cur às a leth cuideachd gun d' thug e ionnsaighean drabasta air 13 clann nighean eadar 1971 agus 2011.

"Sgràthail"

Tha Mgr MacNèill a' dol às àicheadh nan casaidean.

Thug am boireannach, a tha ag ràdh gun deach a h-èigneachadh sna 70an, fianais seachad sa chùirt Diciadain.

Thuirt am boireannach, a tha 48, 's nach urrainn a bhith air a h-ainmeachadh son adhbharan laghail, gun robh Mgr MacNèill a' toirt ionnsaighean drabasta oirre nuair a bha i eadar naoi agus 12 bliadhna de dh'aois.

Thuirt i gun deach a h-èigneachadh leis nuair a bha i eadar 12 agus 13 bliadhna agus gun tuirt e rithe gur e rud "dìomhair" a bh' ann eatorra agus gur i an "tè a b' fheàrr leis."

A' freagairt cheistean bhon tè-chasaid, Kath Harper, thuirt i gun do thog Mgr MacNèill a bhriogais às dèidh làimh mar nach robh "càil air tachairt".

"Bha mi a' faireachdainn salach. Bha e sgràthail.

"Bha mi a' faireachdainn gur e mo choire fhìn a bh' ann.

"Bha mi a' smaoineachadh leam fhìn, carson a leig mi leis sin a dhèanamh orm?

"Shuidh mi, bha mi a' caoineadh agus a' caoineadh agus cha b' urra dhomh innse dha duine," thuirt i.

Tha dùil gun toir i tuilleadh fhianais seachad Diardaoin.

Fianais

Na bu thràithe Diciadain thuirt boireannach eile, 52 bliadhna de dh'aois, gun robh Mgr MacNèill air a toirt a-mach sa chàr aige, agus leigeil leatha an cuibhle a' stiùireadh.

Thuirt i gun robh i a' suidhe air a ghlùin agus gun do chuir e a làmhan suas fo h-aodach gu a broilleach.

Thuirt i gun do chuir Mgr MacNèill a làmhan air a broilleach fo a h-aodach dà thuras eile.

A' freagairt cheistean bhon fhear-dìon, Derek Ogg, thuirt am boireannach gun do dh'innis i dha a pàrantan ach nach robh iad ga creids.

Mus cualar fianais sam bith dh'innis Mgr Ogg dhan diùraidh, gun robh Mgr MacNèill, nach robh anns an dock ach ann an cathair-cuibhle air beulabh an dock, a' fulang le aillse nach gabh a leigheis.

Tha a' chùis a' leantainn.