Leasachadh Inbhir Nis ga chur dheth

  • 10 An t-Ogmhìos 2014
Deuchainnean cealla Image copyright Science Photo Library
Image caption Bha an fhactaraidh gu bhith a' dèanamh uidheamachd airson leasachadh HIV a mheasadh.

Chuir companaidh às na Stàitean Aonaichte air planaichean gus factaraidh a stèidheachadh ann an Inbhir Nis a chur dheth.

Dh'fhoillsich Daktari Diagnostics sa Ghiblean an-uiridh gun robh iad an dùil uidheamachd làimhe a mheasas leasachadh HIV a dhèanamh sa bhaile.

Bha dùil gun cruthaicheadh sin suas ri 126 cosnadh, agus chaidh fàilte a chur air leis a' Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond.

Chaidh £2.2m de dh'airgead phoblach a chur air dòigh air a shon, ach cha deach airgead sam bith a phàigheadh, agus tha an tabhartas sin air tighinn gu crìch.

Tha a' chompanaidh stèidhichte ann an Cambridge, Massachusetts.

An-uiridh, thuirt iad gun deadh mòr-luchd de chartraidean a dhèanamh an Alba airson deuchainnean fala, a tha mar phàirt de bhith a' cunntais cheallan CD4, leis am measar leasachadh HIV. Tha an siostam sin air a bhith ga fheuchainn gu clinigeach ann an Afraga.

Bha dùil gun tòisicheadh obair air an fhactaraidh ann an Inbhir Nis am-bliadhna.

Thachair Mgr Salmond ri àrd-stiùiriche na companaidh aig an àm a chaidh an naidheachd fhoillseachadh, mar phàirt de Sheachdain na h-Alba ann an New York.

Thabhainn Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) agus Leasachadh Albannach Eadar-nàiseanta (SDI) an £2.2m eatorra airson cuideachadh le bhith a' gluasad ghnothaichean na companaidh, agus trèanadh an luchd-obrach.

Thuirt HIE gun do chùm an dà bhuidhinn a' còmhradh ris a' chompanaidh, agus tha iad ag ràdh gu bheil a' chompanaidh fhathast "a' nochdadh ùidh ann a bhith a' stèidheachadh gnothaich ann an ceann a tuath na h-Alba."

Thuirt labhraiche do HIE: "An dèidh dhan naidheachd a bhith air a foillseachadh sa Ghiblean an-uiridh gur ann an sgìre Inbhir Nis a dh'iarradh a' chompanaidh gnothach a stèidheachadh, thòisich a' chompanaidh a bhith a' faighinn òrdughan fada nas motha na b'àbhaist airson na h-uidheamachd measaidh HIV aca.

"Mar thoradh air sin, rinn iad co-dhùnadh gun cumadh iad an aire air a bhith a' sàsachadh an iarrtais a tha sin bho na h-ionadan a th' aca.

"Cha d' fhuair Daktari maoineachadh poblach sam bith thuige seo bho HIE no SDI, agus tha an tabhartas a rinneadh an-uiridh a-nis air tighinn gu ceann."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile