Dragh mu lorgan Dìneasair

Fosail 'S e an t-Eilean Sgitheanach an aon àite an Alba far an deach lorgan dìneasair fhaighinn.

Tha cliù am measg eòlaichean aig an Eilean Sgitheanach mar Eilean nan Dìneasar leis na th' ann de dh'fhianais gun robh iad beò ann.

Tha rabhadh ga thoirt seachad ge-tà, gu bheil luchd-seilge fosail an cunnart cur às dha na làraichean ro-eachdraidheil sin.

Thathas a-nis a' sireadh dhaoine a dh'obraicheas gu saor-thoileach airson an clàradh agus an dìon.

'S e an t-Eilean Sgitheanach an aon àite an Alba far an deach dìneasaran a lorg.

Lorgan àil

Chaidh na lorgan fhàgail sa chreig nuair a bha talamh an Eilein Sgitheanaich fada gu deas, seachad air a' Chrios Mheadhain.

Tha creagan an eilein còrr is trì billean bliadhna de dh'aois, agus ri linn sin bha an t-àite riamh na tharaing do luchd-cruinneachaidh fosail.

'S ann nuair a fhuairear lorgan dìneasair fìor-thearc ann an 1982, a thòisich daoine a' toirt feart air cho cudromach 's a bha dìleab "luchd-còmhnaidh" an Eilein Sgitheanaich anns an Linn Jurasic.

Ann an Taigh-tasgaidh Stafainn, tha leac mhòr chloiche.

"Chì thu lorg dìneasair, dìreach mu ochd òirlich de dh'fhaid, le trì òrdagan," thuirt Dougie Ros, a tha na eòlaiche air lorgan dìneasair eilein àraich.

"Ach an rud a tha uabhasach annasach mu dheidhinn na lice a tha seo, chì sinn na lorgan beaga aig an àl a' leantail an fhir mhòir. Chan eil iad ach mu dhà òirleach de dh'fhaid.

"Tha sin uabhasach annasach," thuirt e.

'S e a th' anns an lic sin, ach an aon eisimpleir anns an t-Saoghal air fad de dhìneasar a bhiodh ag ithe feòla, agus an àl còmhla.

Tha luchd-cruinneachaidh nach bi a' dèanamh cinnteach nach mill iad na làraichean, nan cunnart ge-tà, agus tha iarrtas air nochdadh gun glèidhear na làraichean far a bheil lorgan nan dìneasaran rim faicinn.

Tha an t-Oll. Niall Clark bho Thaigh-tasgaidh Huntarian ann an Glaschu, a' toirt rabhaidh gum faod iad cron mòr a dhèanamh.

"Tha iomadh eisimpleir againn, chan ann a-mhàin san Eilean Sgitheanach, ach air feadh na h-Alba, far an deach daoine an sàs ann am fosaillean le fiù 's tolladairean niumatach agus ùird throma, agus gu bheil iad air sgrios a dhèanamh air an làraich air fad.

Start Quote

Mar as trice, a' chuid as motha dhiubh, chan eil iad a' tuigsinn a' chall a tha iad a' dèanamh”

End Quote Dougie Ros Eòlaiche Fosail

"Tha cuideachd, ann an cuid de shuidheachaidhean, cnàmhan a chaidh a lorg agus fhàgail ann le cuideigin, 's a chaidh an uair sin a lorg le cuideigin eile a thug air falbh iad, 's chan eil fhios againn cà bheil iad a-niste."

Tha cuireadh a-niste ga thoirt do mhuinntir an àite a dhol nan luchd-glèidhidh airson na làraichean a dhìon.

Dh'fhaodadh cuideachd gun tèid daoine a thoirt gu lagh ma chumas iad orra a' briseadh a' chòd a th' ann a thaobh a bhith a' cruinneachadh fosal gu cùramach.

Tha Dougie Ros an dòchas ge-tà, gun gabh peanas mar sin a sheachnadh.

"Mar as trice, a' chuid as motha dhiubh, chan eil iad a' tuigsinn a' chall a tha iad a' dèanamh," thuirt e.

"Tha feadhainn a' smaoineachadh gum bi na fosail a tha sin ann gu bràth.

"Ach chan eil sin fìor. Thèid iad a-mach à bith, no à sealladh gu math luath - nuair a chanas mi gu math luath, seachad air grunn bhliadhnaichean.

"Dh'fhaoidte nach bi leithid de rud ri faicinn," thuirt e.

Tha fianais ùr fhathast a' nochdadh ge-tà, air dìneasaran san Eilean Sgitheanach.

Chaidh trì cnàmhan a lorg ann o chionn ghoirid, agus tha eòlaichean gan sgrùdadh aig an Taigh-tasgaidh Nàiseanta.

Tha dòchas ann, le taic mhuinntir an eilein, gum faighear barrachd ann fhathast, agus gun tèid an glèidheadh do mhuinntir na h-Alba air fad.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.