Cha ruithear sgeama greis ghnìomhachais am-bliadhna

  • 10 An t-Ogmhìos 2014
Comunn na Gàidhlig Image copyright CnaG
Image caption Bhiodh oileanaich air ùr-cheumnachadh a' faighinn cosnaidh fad bliadhna fon sgeama.

Cha bhi sgeama obrach Chomunn na Gàidhlig (CnaG), a bha a' toirt cosnaidh fad bliadhna do luchd-ceumnachaidh ann an dreachdan Gàidhlig, a' ruith am-bliadhna idir.

Bithidh ge-tà, sgeama eile a tha a' toirt cothrom obrach do dh'oileanaich tro sheachdainnean an t-Samhraidh, ga ruith.

Tha ceist mhòr ann cuideachd an tèid ath-stèidheachadh san am ri teachd.

"'S e cnag na cùise ceist an airgid," thuirt ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill.

"Ma tha sinn a' dol ga dhèanamh, dh'fheumadh sinn maoin fhaighinn bho àiteigin eile airson sin a chur air dòigh.

Cosgaisean

"Chan e gur e sgeama cho cosgail sin a bh' ann, ach bha cosgais na lùib mu choinneimh gach neach.

"Geach oileanach a bh' air an sgeama, bha sinne a' pàigheadh dìreach beagan nas ìsle na £7,000 dhan chompanaidh no dhan bhuidhinn a bha gam fastadh.

"Ma smaoinicheas tu air dìreach ceathrar, tha thu an uair sin suas faisg air £30,000, is chì thu mar a tha na cosgaisean a' càrnadh suas an ìre mhath sgiobalta.

"Às aonais an airgid, bhiodh e duilich faicinn sin a bhith a' tachairt a-rithist.

"Tha sinn fhathast a' leantainn le sgeama greis ghnìomhachais do dh'oileanaich air seachdainnean an t-Samhraidh, agus sin air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd.

"Bu mhath leinn gum biodh an leithid ann a-rithist, ach feumaidh sinn dìreach feitheamh feuch dè ghabhas dèanamh.

"Saoilidh mi ge-tà, nach dèan e na h-uimhir de dhiofar sin dhan t-suidheachadh san fharsainneachd.

"Nan robh sinn air a bhith a' toirt cothrom do 's dòcha 20 neach, no 30 neach, bhiodh e fìor an uair sin.

"Ach na h-àireamhan aig an robh e - feumail 's ged a bha iad - bha iad rudeigin beag.

"Tha gu leòr de dhaoine a' dol a-steach gu rudan mar na meadhanan, gu craoladh, gu saoghal leasachaidh na Gàidhlig fhèin, far nach eil ùine air an sgeama air a bhith a dhìth orra.

"Tha iad a' tighinn a-mach às an oilthigh no colaiste leis a' cheum aca agus tha iad a' faighinn dreuchd anns an spot.

"Gu math tric, bhiodh daoine a bh' air a' bhliadhna sin obrachadh, a' faighinn cosnaidh, gach cuid leis a' bhuidhinn a bh' air a bhith gam fastadh mar thà, no 's dòcha le buidhinn air choireigin eile.

"Tha mi cinnteach gum biodh e fìor a ràdh gun robh e nas fhasa dhaibh dreuchd eile a chosnadh leis gun robh daoine a' faicinn gun robh iad air a bhith ag obair bliadhna.

"Tha mi a' creidsinn gun do rinn sin feum dha mòran aca.

"A' mhòr-chuid aca gun teagamh bha iad a' faighinn cosnaidh às dèidh a bhith air an sgeama seo. Glè bheag dhiubh a bha nan tàmh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile