Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

100 Là

Tha an dà thaobh anns an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba a' comharrachadh gum bi an referendum ann 100 là bho an-diugh. Tha an iomairt Bu Chòir, airson neo-eisimeileachd, ag iarraidh air luchd-taic oidhirp mhòr a dhèanamh air buaidh a thoirt air feadhainn nach do cho-dhùin fhathast dè an taobh air am bhòt iad. Tha a' bhuidheann nas fheàrr còmhla ag ràdh gu bheil an iomairt airson neo-eisimeileachd a' fàs gann de dh'ùine agus de dh'argamaid.

An Eaconamaidh

Thuirt aithisg ùr gu bheil an t-airgead a tha dùthchannan eile a' cur an sàs ann an Alba aig an ìre as àirde ann an 16 bliadhna. Thuirt Ernst & Young nach eil ach Lunnainn air thoiseach air Alba mar àite ris a bheil companaidhean à dùthchannan eile a' coimhead airson malairt. Ach tha an aithisg ag ràdh nach deach uimhir de chosnadh ùr a stèidheachadh, le crìonadh ann an tionnsgalachd.

Bochdainn Cloinne

Thuirt coimisean do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson bochdainn chloinne nach eil mòran coltais ann gun tig an Riaghaltas air an amas airson cur às an ìre mhath do bhochdainn am measg chloinne ro 2020. Rinn an coimisean sgrùdadh a tha ag ràdh gur ann a dh'èireas an àireamh a thathas a' tomhas ann am bochdainn thrairis air an ath shia bliadhna gu trì millean. Thuirt Roinn na h-Obrach 's nam Peinnseanan gu bheil iad fhathast ag amas air an targaid a chuir iad romhpa.

Anna Politkovskaya

Tha aithrisean ann à Mosgo gun deach binn fad beatha sa phrìosan air dithis de na fir air an deach diteadh airson murt na tè-naidheachd, Anna Politkovskaya, a bha a' càineadh cogadh na Ruis ann an Chechnya. Chaidh a marbhadh nuair a chaidh losgadh oirre le gunna ann an 2006. Chan eil fios fhathast cò a dh'òrdaich a bàs.

Na Rathaidean

Tha Transform Scotland, buidheann a tha a' strì airson ghoireasan còmhdhail, ag ràdh gum b' fheàrr a' mhòr-chuid de mhuinntir na h-Alba na rathaidean a th' ann a chàradh, seach rathaidean ùra a thogail. Thuirt a' bhuidheann gun do sheall sgrùdadh a rinn iad gun iarradh 84% na rathaidean a th' ann a leasachadh.