100 là chun an Referendum

  • 9 An t-Ogmhìos 2014
Brataichean
Thèid am bhòt a chumail air 18mh là an t-Sultain.

Tha an dà thaobh san deasbad mu neo-eismeileachd na h-Alba a' cur spàirn nan iomairt agus ceud là ann gu là na bhòta.

Tha an iomairt Bu Chòir a' moladh dhan luchd-taic aca an aire a chur ri daoine a tha fhathast gun co-dhùnadh a dhèanamh mu mar a bhòtas iad.

Ach tha an iomairt Nas Fheàrr Còmhla ag radh gu bheil dith ùine agus argamaidean air luchd-taic neo-eismeileachd.

Thèid an referendum a chumail air 18mh an t-Sultain, leis a' cheist ga cur air luchd-bhòtaidh, sa Bheurla, "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?"

Tha cunntasan-bheachd air sealltainn gu bheil an iomairt Nas Fheàrr Còmhla fhathast air thoiseach, ach gu bheil an iomairt Bu Chòir air am beàrn eatorra a lìonadh pìos anns na mìosan a dh'fhalbh, le gu leòr de dhaoine fhathast gun co-dhùnadh a ruighinn taobh seach taobh.

Thuirt Bu Chòir gu bheil an cuid rannsachaidh a' sealltainn gu bheil a dhà uimhir daoine nach robh air co-dhùnadh a ruighinn air taobhadh ri Bu Chòir 's a tha de na daoine sin a thaobh ri Nas Fheàrr Còmhla.

Sòisealtas nas Fheàrr

Thuirt am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond, ris a' BhBC gun robh e misneachail gun lìonadh Bu Chòir am beàrn gu furasta ann an 100 là.

"Ma nìthear tomhas meadhanach air na cunntasan-bheachd, saoilidh mi gum feum sinn 6% de dhaoine iompachadh. Anns na mìosan air thoiseach air na taghaidhean ann an Alba, thàinig 16% de luchd-bhòtaidh a-nall thugainne ann an ùine caran coltach.

"Tha ùine gu leòr againn - chan e ùine an dùbhlan. 'S e a bhith a' buannachdh nan argamaidean, a' buannachadh an deasbaid.

"'S e am prìomh argamaid a th' againne, chan e a-mhàin gum biodh Alba na bu bheartaiche, ach gum biodh i na sòisealtas nas fheàrr, nas co-ionnain, a' cleachdadh na maoine nàdarra, agus na maoine daonna, a th' aig an dùthaich. Ma bhuannaicheas sinn an t-argamaid sin, buannaichidh sinn an referendum."

Thuirt Mgr Salmond gun robh an luchd-poileataigs air taobh Bu Chòir "nas tarraingiche air fad" don luchd-bhòtaidh na an fheadhainn air an taobh eile, agus gu bheil sin a' toirt creideas dhaibh.

"Ma chuireas an iomairt Bu Chòir argamaid airson Alba a bhith na sòisealtas nas beartaiche, agus cuideachd nas co-ionnain, nach cuir sluagh na h-Alba creideas ann? Saoilidh mi gun cuir.

"Ma chumas Nas Fheàrr Còmhla orra ag ràdh gun tig seachd plàighean na h-Èipheit oirnn aon uair 's gum bhòt sinn airson neo-eisimeileachd, an creid daoine iad? Saoilidh mi nach creid."

Gus 100 là a chomharrachadh mus bi an referendum ann, cumaidh Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a' chiad choinneamh de na boireannaich a-mhàin a th' anns a' Chaibineat ann an Dùn Èideann.

Gheibh còrr is 100 boirannach bho bhuidhnean air feadh na h-Alba cothrom ceistean a chur air ban-mhinistearan mu rudan leithid riochdachadh bhoireannach air bùird, leasachadh air cùram-cloinne agus lagh fastaidh, a thuilleadh air iomadach cuspair eile co-cheangailte ri buaidh neo-eisimeileachd air Alba.

Tuilleadh Chumhachdan

Aig a' cheart àm, cuiridh Nas Fheàrr Còmhla an iomairt aca 100 Là Ri Dhol, air bhog ann an Glaschu.

Thuirt a' bhuidheann gun cuireadh an iomairt "teachdaireachdan bho Albannaich àbhaisteach a tha a' gealltainn na 's urrainn dhaibh a dhèanamh thar an 100 là ri tighinn airson Alba a chumail anns an Aonadh."

Thuirt ceannard Nas Fheàrr Còmhla, Alasdair Darling, gum biodh e "glè mhath" nan cuireadh pàrtaidhean an Aonaidh planaichean air dòigh airson tuilleadh fèin-riaghlaidh.

"Bu mhath leam fhaicinn gum biodh na trì pàrtaidhean a tha airson an Aonaidh a' tighinn ri chèile airson molaidhean a chur air dòigh airson reachdais ùir, 's dòcha dìreach an dèidh an ath-thaghaidh choitchinn," thuirt Mgr Darling.

Thuirt Mgr Darling gun robh e "misneachail" gun tachradh sin.

Thuirt e cuideachd nach b' e roghainn eadar Alba no Breatainn a bha mu choinneimh an luchd-bhòtaidh, no roghainn eadar atharrachadh agus cùisean mar a tha iad, ach eadar dà shealladh diofraichte de na tha ri teachd do dh'Alba.

"Tha an taobh eile air mìosan a chur seachad a' feuchainn - gu neo-shoirbheachail - ri fianais a nochdadh a tha a' cur taic ris an amas aca airson dealachaidh.

"Agus a-niste, le dìreach ceud là air fhàgail den iomairt, chan eil argamaidean ùra aig na Nàiseantaich - tha an ùine a' ruith orra."

Thuirt Mgr Darling gun robh geallaidhean gun sgaoilear tuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba, mar fhianais gu bheil an deasbad air atharrachadh.

"Tha an talamh air gluasad fo - agus an aghaidh - ar luchd-dùbhlain Nàiseantach, agus e a-niste soilleir gun toir bhòt airson an Aonaidh tuilleadh chumhachdan do dh'Alba am broinn na RA.

"Tha na trì prìomh phàrtaidhean uile ann an Alba a tha a' cur taic ri Nas Fheàrr Còmhla a-niste air molaidhean a tha an ìre mhath coltach ullachadh.

"Tha na h-uimhir ann air nach eil sinn ag aontachadh air cùisean eile. Ach a thaobh a' Bhun-reachd - bunaid gach reachdais - tha sinn a-niste an ìre mhath uile air an aon ràmh," thuirt Mgr Darling.