Corp air a lorg an Inbhir Narann

  • 9 An t-Ogmhìos 2014
Uisge Narann Image copyright Peter Jolly
Image caption Chaidh fios a chur air na poilis mu 11:00f oidhche Shathairne gun robh duine ann an Uisge Narann.

Chaidh duine a fhuaireadh marbh ann an Uisge Narann air an deireadh-sheachdain ainmeachadh gu h-ionadail mar Alasdair Friseal, 18.

Chaidh fios a chur air na poilis mu 11:00f oidhche Shathairne gun robh duine anns an uisge.

Thathas a' tuigsinn gun robh Mgr Friseal a' snàmh san abhainn.

Dh'fheuch poilis ri cobhair a dhèanamh air dithis a bha ann an duilgheadas nuair a ràinig iad an abhainn, is fireannach eile air feuchainn ris a' chiad duine a chuideachadh.

Chaidh aig fear de na daoine air faighinn às an uisge

Chaidh lorg fhaighinn air corp san abhainn feasgar na Sàbaid.

Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Thuirt fear de chomhairlichean Inbhir Narann, Laurie Friseal, gur e buille a th' ann dhan bhaile air fad is gu bheil smuaintean mhuinntir an àite air teaghlach an duine a chaill a bheatha.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile