Mìneachadh a dhìth air gunnaichean

Gunna B' àbhaist na gunnaichean a bhith fo ghlais ann an carbadan armaichte, agus cha b' urrainnear an toirt a-mach gun chead bho oifigear ann an àrd-dhreuchd.

Sgeulachdan co-cheangailte

Dh'aidich an t-oifigear a tha os cionn nam poileas ann an ceann a tuath na h-Alba gun robh còir aige barrachd a dhèanamh airson innse dhan t-sluagh gu bheil oifigearan gu cunbhalach a' giùlain ghunnaichean.

Coinnichidh an t-Àrd-Shuperintendent Julian Innes ri comhairlichean Gàidhealach an t-seachdain seo airson bruidhinn mun chùis.

Air a' mhìos a chaidh seachad, thog am ball pàrlamaid neo-eisimeileach airson na Gàidhealtachd, Iain Finnie, dragh mu phoileasaidh Poilis na h-Alba a thaobh gunnaichean a ghiùlain.

Thuirt e gu bheil mar a tha cuid de dh'oifigearan air an armachadh gu cunbhalach ag atharrachadh na dòigh anns a bheil na Poilis a' dèanamh an cuid obrach gu mòr.

B' àbhaist na gunnaichean a bhith fo ghlais ann an carbadan armaichte, agus cha b' urrainnear an toirt a-mach gun chead bho oifigear ann an àrd-dhreuchd.

Iomchaidh

Tha Mgr Finnie a' cumail a-mach nach eil am poileasaidh idir iomchaidh airson na Gàidhealtachd.

Dh'innis Julian Innes, gun robh oifigearan a' giùlain ghunnaichean mus deach Poilis na h-Alba a stèidheachadh.

Thuirt e gun robh seo a' dol air adhart air a' Ghàidhealtachd fad còrr is bliadha mus deach a' cheist a thogail.

Dh'aidich Mgr Innes ge-tà, gun robh còir aige innse dhan t-sluagh gun robh iad air seo a dhèanamh.

Coinnichidh Mgr Innes ri comhairlichean Gàidhealach an t-seachdain seo airson a' chùis a dheasbad.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.