Bile Fearainn sa Phàrlamaid seo

  • 7 An t-Ogmhìos 2014
Fearann
Image caption Dh'fhoillsich Buidheann Ath-sgrùdaidh Ath-leasachaidh an Fhearainn an aithisg aca air a' mhìos a chaidh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun cuir iad bile ath-leasachaidh fearainn air adhart ro dheireadh na Pàrlamaid seo.

A' toirt seachad òraid Disathairne aig co-labhairt na buidhne Fearann Coimhearsnachd na h-Alba aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach, thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, gun tigeadh lagh ùr a-steach a dhèanadh cinnteach gun tèid fearann a chleachdadh a chùm maith a' phobaill.

Thèid maoin a chuidicheas le coimhearsnachdan fearann a cheannach - Stòras an Fhearainn - a leudachadh cuideachd, gu co-dhiù 2020.

Mhol sgrùdadh a rinn an Riaghaltas air a' mhìos a chaidh, gun cuirear crìoch air na dh'fhaodas de dh'fhearann a bhith ann an làmhan aon duine an Alba.

Dh'iarr aithisg Buidheann Ath-sgrùdaidh Ath-leasachaidh an Fhearainn, gun deadh barrachd fhearainn a chur ann an làmhan choimhearsnachdan.

Cìs

Mhol iad cuideachd gun deadh siostam na cìse a th' ann an-dràsta atharrachadh.

"Tha pàirt cudromach aig cìsean ann a bhith a' glèidheadh pàtran seilbh fearainn na h-Alba mar a tha e an-dràsta, le pìosan mòra fearainn ann an làmhan glè bheag de dhaoine prìobhaideach," thuirt an aithisg.

Tha Riaghaltas na h-Alba den bheachd gum feum sealbh an fhearainn a bhith nas fharsainne, agus nas cothromaiche, agus tha iad ag amas air na th' ann de dh'oighreachdan mòra seilge a lùghdachadh.

Na òraid, thuirt Mgr Wheelhouse: "'S e clach-mhìle chudromach a bh' ann an aithisg buidheann an ath-sgrùdaidh, a thaobh a bhith a' toirt sealbh fearainn na h-Alba air adhart. Tha mi a' cur fàilte air an t-sealladh a th' aig a' bhuidhinn, agus na tha iad air a chur ris an deasbad ann an Alba.

"Anns na seachdainnean agus mìosan ri teachd, bidh ùine aig gach cuid Riaghaltas na h-Alba, Pàrlamaid na h-Alba, agus muinntir na h-Alba beachdachadh air na th' anns an aithisg.

Amasan

"Le bhith a' toirt Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn air adhart, ro dheireadh na Pàrlamaid seo, bheir sinn amasan na h-aithisg air adhart.

"'S e ceum eile air adhart a bhios anns a' bhile, a dh'ionnsaigh a bhith cinnteach gu bheil fearann na dùthcha againn ga chleachdadh a chùm maith mhuinntir na h-Alba."

Chuir Fearann Coimhearsnachd na h-Alba fàilte air na thuirt Mgr Wheelhouse.

"Tha e a' toirt misneachd dhuinn gu bheil taic ann taobh a-staigh an Riaghaltais airson atharraichean thighinn", thuirt Iain MacÌomhair bhon bhuidhinn.

"Tha sinn a' faicinn cuideachd gu bheil an spionnadh a bha sinn mothachail mu dheidhinn co-cheangailte ri seo an-uiridh, gu bheil sin ann fhathast, agus tha e a' toirt misneachd mhòr cuideachd dhuinn na tha do choimhearsnachdan a tha a' tighinn air adhart a' sealltainn dè mar as urrainn dhaibh smachd a ghabhail air an fhearran aca fhèin agus, 's dòcha nas cudromaiche, obraichean a chur air adhart anns na coimhearsnachdan aca fhèin", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile