Sgoil ùr Baile Dhubhthaich ga dheasbad

  • 6 An t-Ogmhìos 2014
Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

Tha beachdan dhaoine gan sireadh air sgoil mhòr ùr a thogail ann am Baile Dhubhthaich.

Rachadh Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich agus na trì bun-sgoiltean sa bhaile, Cnoc na Creige, An Cnoc Breac agus Naomh Dhubhthach, a dhùnadh.

'S ann am Bun-sgoil Chnoc na Creige a tha aonad Gàidhlig na sgìre an-dràsta.

'S ann do chloinn eadar 3 is 18 bliadhna de dh'aois a bhiodh an sgoil ùr.

Làrach

Dh'fhaodadh gur ann air làrach na h-acadamaidh, làrach Bun-sgoil Chnoc na Creige, neo làrach aig a' Chroit Mhòir a rachadh an sgoil a thogail.

Thig a' cho-chomhairle gu ceann air a' 4mh là den Iuchar.

Bidh seisean poblach cuideachd ann an Talla Eaglais Bhaile Dhubhthaich air Sràid na Banrigh sa bhaile air an 30mh là den Ògmhios, eadar 10m is 8f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile