Colbhasa: Eilean Dhòmhnaill MhicFhionghain

Eilean Cholbhasa Rugadh Dòmhnall MacFhionghain ann an Colbhasa ann an 1839.

Thòisich co-labhairt air Eilean Cholbhasa Dihaoine, gus 100 bliadhna on a chaochail Dòmhnall MacFhionghain a chomharrachadh.

B' esan a' chiad cheannard a bh' air Roinn Cheiltis Oilthigh Dhùn Èideann.

Rugadh Dòmhnall MacFhionghain ann an Colbhasa ann an 1839.

Dh'innis an t-Oll. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, a bhios a' bruidhinn aig a' cho-labhairt: "Rinn e uabhasach math anns an oilthigh agus, an ìre mhath air a' cheann fhèin, rinn e sàr-sgoilear Gàidhlig dheth fhèin."

B' e an t-Àrd-Oll. MacFhionghain a' chiad duine a chaidh a shuidheachadh ann an Cathair Eòlais Cheiltich aig Oilthigh Dhùn Èideann, ann an 1882.

Start Quote

Tha sinn uabhasach pròiseil às an t-Oll. Dòmhnall MacFhionghain ann an Dun Èideann, agus gu dearbha bu chòir dhan a h-uile Gàidheal a bhith pròiseil às.”

End Quote An t-Oll. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart Oilthigh Dhùn Èideann

B' esan cuideachd a' chiad ollamh Ceilteach a bh' ann an Alba air fad.

Bha an dreuchd seo aige gu àm a bhàis, ann an 1914.

Pròis

Thuirt an t-Oll. Stiùbhart: "Tha sinn uabhasach pròiseil às an t-Oll. Dòmhnall MacFhionghain ann an Dun Èideann, agus gu dearbha bu chòir dhan a h-uile Gàidheal a bhith pròiseil às."

Aig a' cho-labhairt, bidh an t-Oll. Stiùbhart a' toirt seachad òraid mun t-strì a rinn na Gàidheil airson Ollamh Gàidhlig, no Ollamh Ceilteach, a bhith aca ann an oilthigh ann an Alba.

Thuirt e gun robh seo uabhasach cudromach aig an t-àm, 's gu leòr a' dèanamh dì-meas is tàir air cultar nan Gàidheal agus gu dearbha air na Gàidheil fhèin.

Bidh e cuideachd a' coimhead air na tha de dh'fhiosrachadh againn mu Eilean Cholbhasa sna fìor sheann làithean - na Meadhan Aoisean gu ruige an 17mh linn.

"Bidh mi gu h-àraidh a' coimhead air Màrtainn Màrtainn, fear-siubhail a chaidh timcheall nan eilean 's a sgrìobh leabhar tomadach, inntinneach mu na h-eileanan air fad, Colbhasa nam measg," dh'innis e.

Sgoilearan

Bidh sàr sgoilearan Gàidhlig leithid an t-Oll. Dòmhnall Meek agus an t-Oll. Raghnall MacIlleDhuibh cuideachd a' bruidhinn aig an tachartais, a thuilleadh air cuid de mhuinntir Cholbhasa fhèin, Kevin Byrne agus Alastair Scouller, a rinn obair ionmhalta air Gàidhlig an eilein, nam measg.

Chaidh a' cho-labhairt a chur air chois le Urras Leabhraichean nan Eilean.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.