Tony Abbott
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sealladh nan Astràilianach

3 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha sinn a' faighinn sealladh gach madainn an t-seachdain seo air mar a tha referendum na h-Alba ga fhaicinn air feadh an t-saoghail.

Chanadh tu gu bheil Astràilia cho fad às 's nach dèanadh e cus dragh dhaibh.

Ach tha beachdan connspaideach a thug am prìomhaire aca, Tony Abbott, air a' chùis air buaireadh a thogail ann an Astràilia fhèin.

'S tha ceist ann fiù 's an toireadh sgaradh na Rìoghachd Aonaichte buaidh air bratach Astàilia.

Bhruidhinn Dòmhnall Moireasdan ri Cailean Edwards, a tha a' fuireach ann am Peart air taobh siar na dùthcha.